Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Dhubhthaich bhon taobh an Ear
EXTERNAL ID
QZP40_102_P000
ÀITE
Baile Dhubhthaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
DEIT
1886
LINN
1880an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30887
KEYWORDS
Baile Dubhthaich
còir sgrìobhte bhon Rìgh
baile mòr
naoimh
an Naomh Dubhthach
teampaill
togalaichean
tearmann
comraich
Tain from the East

Tha am Baile Rìoghail, Baile Dhubhthaich, air bruaichean Caolas Dhòrnaich mu 10 mìle an ear thuath air Inbhir Ghòrdain. Fhuair am baile còir sgrìobhte Rìoghail ann an 1066. 'S e am Baile Rìoghail as sine ann an Alba.

Seo far an do rugadh an Naomh Dubhthach agus thill na cuimhneachain aige an dèidh dha bàsachadh ann an Èirinn. Chaidh caibeal a thogail na ainm, a bha na chomraich agus àite taisdeil. Fhuair bean, nigheanan agus peathraichean Raibeirt am Brus comraich an seo ann an 1307. Cha do ghabh Iarla Rois ri inbhe comraich a' chaibeil agus rug e orra agus thug e iad dha na Sasannaich.

Tha Seann Ionad nan Cìsean a' glacadh d'aire ann am Baile Dhubhthaich. Chaidh a thogail na phrìosan agus na àite teàrainte airson còirichean sgrìobhte a' bhaile rìoghail agus aramachd a' bhaile a ghleidheadh. Aig àm nam fuadaichean anns an 19mh linn chaidh Ionad nan Cìsean a chleachdadh mar ionad rianachd.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar aig an Urr W Mac an Tàilleir, 'Researches into the History of Tain'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Dhubhthaich bhon taobh an Ear

ROS: Baile Dhubhthaich

1880an

Baile Dubhthaich; còir sgrìobhte bhon Rìgh; baile mòr; naoimh; an Naomh Dubhthach; teampaill; togalaichean; tearmann; comraich

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)