Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sgeidse de Chreag Phàdraig
EXTERNAL ID
QZP40_103_P001
ÀITE
Creag Phàdraig
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1777
LINN
1770an
CRUTHADAIR
'Mr Watt, Engineer'
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30891
KEYWORDS
dùin
daingneach
Creag Phàdraig
Cruithnich
cnuic
planaichean
zoomable

'S e dùn de chloich leaghte a tha air mullach cnuic faisg air Inbhir Nis a th' ann an Creag Phàdraig, no 'Craig Patrick', mar a tha e sgriobht' an seo. Tha leaghadh cloiche a' tachairt nuair a thèid togalach no dùn a losgadh cho teth 's gun leagh na clachan ri chèile.

'S ann on 4mh no 'n 5mh linn RC a tha an dùn ach tha fianais àrsaidheil a' sealltainn gun deach daoine a dh'fhuireach ann a-rithist mu àm nam Cruithneach san t-6mh linn AD. Thàinig Creag Phàdraig gu bhith na phrìomh dhaingneach aig na Cruithnich agus a rèir aithris b' e an daingneach aig Rìgh nam Cruithneach, Brud, aig an àm a thachair e ris an Naomh Colm Cille 's a chaidh iompachadh gu Criosdachd.

Tha iad den bheachd gun do loisg an dùn sìos san 8mh linn.

Chaidh am plana seo a thogail às 'An Account of some Remarkable Ancient Ruins, Lately discovered in the Highlands, and Northern Parts of Scotland', le John Williams (1777)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sgeidse de Chreag Phàdraig

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1770an

dùin; daingneach; Creag Phàdraig; Cruithnich; cnuic; planaichean; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)