Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Greumach, Ciad Marcais Mhontròis
EXTERNAL ID
QZP40_126_P001A
DEIT
1839
LINN
1650an
CRUTHADAIR
Anthony van Dyck
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30894
KEYWORDS
marcaisean
Montròs
Marcais Mhontròis
cumhnantaich
Teàrlach I
Crombail
batalan
Cumhnant Nàiseanta
uaislean

bàs
peanas
James Graham, 1st Marquis of Montrose

Thogadh Seumas Greumach Ciad Marcais Mhontròis (1612-1650) ann an Caisteal Chinn Chàrdainn agus fhuair e foghlam ann an Oilthigh Chill Rìmhinn. Bha e iomagaineach mar a bha Teàrlach 1 a' stèidheachadh a' Chreideimh Easbaigich thairis air a' chreideamh Chlèireach a bha air a bhith daonnan ann an dualchas na h-Alba. B'e fear de na ceithir uaislean a dhealbhaich an Cumhnant Nàiseanta ann an 1638 a' dìon cleachdaidhean creideimh agus dualchais anns an Eaglais Chlèirich.

An dèidh ùine dh' fhàs Montròs iomagaineach mu cho fada 's a bha na cumhnantaich a' dol. Bha Gilleasbuig Caimbeul, Iarla Earra-ghàidheil ag iarraidh an crùn a thoirt bhon rìgh ach bha Montròs an aghaidh seo. Air sgàth seo ghabh Montròs taobh an Rìgh an aghaidh a' Chaimbeulaich agus feachd nan Cumhnantach.

Bha Montròs sgileil air armachd ann am blàr agus bhuannaich e iomadh blàr air feadh na Gaidhealtachd mus deach a' chùis a dhèanamh air aig Philiphaugh agus theich e dhan Roinn Eòrpa. Ghabh e uabhas nuair a chaidh Teàrlach I a chur gu bàs. Thill Montròs a dh' Alba a thoirt taic do Theàrlach II. Thrèig Macleòid Asainte e agus chaidh a chur an grèim.

Chaidh Montròs a chur gu bàs aig Crois a' Mharcait ann an Dùn Eideann air an 21mh den Chèitean 1650. Chaidh a chrochadh, agus a chorp a ghearradh na phìosan agus chaidh a cheann a chur air bior mar rabhadh do dhaoine eile.
Thàinig an dealbh seo à 'A History of the Highlands and of the Highland Clans' le James Browne

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Greumach, Ciad Marcais Mhontròis

1650an

marcaisean; Montròs; Marcais Mhontròis; cumhnantaich; Teàrlach I; Crombail; batalan; Cumhnant Nàiseanta; uaislean;
bàs; peanas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)