Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam, Diùc Chumberland
EXTERNAL ID
QZP40_126_P240
DEIT
1845
LINN
1740an
CRUTHADAIR
Sir J Reynolds
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30898
KEYWORDS
Seumasaich
blàir
Prionnsa Teàrlach
Teàrlach Eideard Stiùbhart
cinnidhean
airm
William, Duke of Cumberland

B' e Uilleam Augustus Hanòbhair, Diùc Chumberland (1721-1765) an dara mac aig Seòras II. Fhuair e an tiotal Diùca Chumberland ann an 1726 an cois nan tiotalan Marcais Berkhamstead, Iarla Kennington, Biocas Trematon, agus Baran Alderney. Chaidh a chur a dh'Alba airson casg a chur air ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Air an t-16mh Giblein 1746 sheas feachd an riaghaltais an aghaidh nan Seumasach air monadh Chùil Lodair. Cha do sheas am blàr fiù 's uair a thìde agus na Seumasaich air an sgrios. Fhuair dòchas nan Seumasach air a' chrùn buille bàis aig Cùil Lodair.

An dèidh a' bhlàir, chaidh na Seumasaich an ruaig is an cur gu bàs, chaidh peilear a chur anns na daoine leòinte, chaidh dachaighean an losgadh is chaidh crodh a theicheadh air falbh. Chaidh an Diùc ainmeachadh mar 'Bhùidsear Chumberland' air sgàth seo. Thòisich Cumberland gu dian air cur às do na cinnidhean agus do dhòigh-beatha na Gaidhealtachd. Thàinig droch chrìoch ann am masladh air a shaighdearachd nuair a ghèill e do na Frangaich aig àm Cogadh nan Seachd Bliadhna. Bhàsaich e le binndeachadh-fala san eanchainn ann an 1765.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A History of the Highlands and of the Highland Clans', le Seumas MacGilleDhuinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam, Diùc Chumberland

1740an

Seumasaich; blàir; Prionnsa Teàrlach; Teàrlach Eideard Stiùbhart; cinnidhean; airm

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Uilleam Augustus Hanòbhair, Diùc Chumberland (1721-1765) an dara mac aig Seòras II. Fhuair e an tiotal Diùca Chumberland ann an 1726 an cois nan tiotalan Marcais Berkhamstead, Iarla Kennington, Biocas Trematon, agus Baran Alderney. Chaidh a chur a dh'Alba airson casg a chur air ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Air an t-16mh Giblein 1746 sheas feachd an riaghaltais an aghaidh nan Seumasach air monadh Chùil Lodair. Cha do sheas am blàr fiù 's uair a thìde agus na Seumasaich air an sgrios. Fhuair dòchas nan Seumasach air a' chrùn buille bàis aig Cùil Lodair. <br /> <br /> An dèidh a' bhlàir, chaidh na Seumasaich an ruaig is an cur gu bàs, chaidh peilear a chur anns na daoine leòinte, chaidh dachaighean an losgadh is chaidh crodh a theicheadh air falbh. Chaidh an Diùc ainmeachadh mar 'Bhùidsear Chumberland' air sgàth seo. Thòisich Cumberland gu dian air cur às do na cinnidhean agus do dhòigh-beatha na Gaidhealtachd. Thàinig droch chrìoch ann am masladh air a shaighdearachd nuair a ghèill e do na Frangaich aig àm Cogadh nan Seachd Bliadhna. Bhàsaich e le binndeachadh-fala san eanchainn ann an 1765. <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A History of the Highlands and of the Highland Clans', le Seumas MacGilleDhuinn