Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Blàr Chùil Lodair
EXTERNAL ID
QZP40_126_P242
ÀITE
Monadh Druim Athaisidh
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1845
LINN
1740an
CRUTHADAIR
Captain W Mackenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30899
KEYWORDS
Blàr Chùil Lodair
Cùil Lodair
blàir
planaichean
cinnidhean
muinntir Hanòbhair
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Battle of Culloden

Anns a' Ghiblean 1746, bha feachd nan Seumasach sgìth, acrach agus dòrainneach an dèidh dhaibh caismeachd fada gu tuath à Derby, an dèidh stad gu math mì-chàirdeil an Glaschu agus an dèidh dhaibh fulang le dìth thaic a chaidh gealltainn dhaibh às an Fhraing. Mar a thug na Seumasaich às gu tuath agus Diùca Chumberland as an dèidh, thòisich grunn de na Gàidheil a' tarrainn às gus biadh a lorg agus theich iad dhachaigh. Ged a fhuair am Prionnsa comhairle bhon Mhorair Seòras Moireach a theicheadh do na beanntan agus sabaid às an sin, thagh am Prionnsa Teàrlach Monadh Chùil Lodair, Monadh Dhruim Athaisidh mar a bha e an uairsin, airson an làrach far an seasadh iad an aghaidh feachdan an riaghaltais.

Air oidhche a' 15mh Giblein 1746, rinn na Seumasaich caismeachd a dh' Inbhir Nàrann, dà mhìle deug à Inbhir Nis 's iad an dùil ionnsaigh gun fhiosd a thoirt air feachdan Diùca Chumberland. Ach nuair a ràinig iad Inbhir Nàrann lorg iad saighdearan an riaghaltais nan dùisg agus mar sin rinn na Seumasaich caismeachd deich mìle air ais a Chùil Lodair.

Nuair a thuig an Diùc gun robh na Seumasaich air a bhith a' caismeachd fad na h-oidhche, chuire e roimhe gun coinnicheadh e iad aig Mòinteach Chùil Lodair air an t-16mh Giblein. Thug urchair armachd feachdan an riaghaltais air na Gàidheil ruathar a dhèanamh, ach cha robh an talamh freagarrach airson ruathar nan Gàidheal. Ann an iomadh àite, chaidh stad a chur air na Gàidheil le musgaid is le losgadh nan gunnaichean mòra mus do ràinig iad saighdearan an riaghaltais.

Bha a h-uile càil seachad taobh a-staigh uair a thìde. Chaidh mu 1,500 Seumasach a mharbhadh anns a' bhlàr agus as a dhèidh, nam measg daoine neo-chiontach a bha faisg orra agus boireannaich is clann. Choisinn seo do Dhiùca Chumberland am farainm am 'Butcher'. Theich am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart ro dheireadh a' bhlàir agus an dèidh ùine rinn e a shlighe air ais dhan Fhraing agus dhan Ròimh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A History of the Highlands and of the Highland Clans', le Seumas Mac illeDhuinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Blàr Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1740an

Blàr Chùil Lodair; Cùil Lodair; blàir; planaichean; cinnidhean; muinntir Hanòbhair; Teàrlach Eideard Stiùbhart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)