- TIOTAL
- Iain Arasgain, 6mh Iarla Mhàirr
- EXTERNAL ID
- QZP40_126_P265
- DEIT
- 1839
- LINN
- 1720an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 30900
- KEYWORDS
- Iarlan Màirr
Iain Arasgain
Màrr
Iarlan
uachdaran
Seumasaich
Bobbing John
gual
batailean

Rugadh Iain Arasgain, 6mh Iarla Mhàirr (1675-1732) an Albha agus 's e rinn leasachadh air Albha mar bhaile cudromach an gnìomhachas a' ghuail. Ghabh e seachad an dreuchd mar Iarla bho athair an 1689 agus b' e Runaire na Staid airson Alba dà thuras fo rìoghachadh Bhanrighinn Anna.
An dèidh crùnaidh Sheòrais I, chaidh an t-Iarla Mhàirr a chuir às a dhreuchd agus thill e a dh'Alba a chuir taic ri Seumas Stiùbhart, an Seann Tagraiche. Ri linn cho tric is a dh'atharraich e a chuid-caidreachais poilitigich, fhuair e far-ainm mar 'Bobbing John'. B' e ceannardais neo-chomasachd Mhàirr bu choireach ri co-dhùnadh neo-chinnteach Bhlàr Shliabh an t-Siorraim agus mar a dh'fhàillig air na Seumasaich an 1715. Theich Màrr cuide ri Seumas Stiùbhart don Fhrìnag agus bhàsaich e, air fògradh, aig Aix-la-Chapelle an 1732.
Tha an dealbh seo a' nochdadh sa leabhar 'A History of the Highlands and of the Highland Clans' le Seumas Browne