Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aodach Làitheil air Ghàidhealtachd
EXTERNAL ID
QZP40_130_P060
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1760
LINN
1720an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30905
KEYWORDS
aodach
èideadh
aodach làitheil
plaidean
crios
bucall
bràistean
prìnichean
adan
èideadh cinn
aodaichean
Everyday Highland Dress

B' e aodach sìmplidh a bha air na daoine cumanta air a' Ghàidhealtachd tràth anns an 18mh linn.
Bha plaide air na fireannaich, a bha mu 4-6 slatan a dh'fhaid agus 2 shlait a leathad. Bha e ceangailte mun mheadhan na phleataichean. Bha an ceann ìseal a' ruighinn na glùine agus bha an ceann àrd air a cheangal tarsainn air a ghualainn le prìne no bràiste. Bha lèine orra fon phlaide.
Air sgàth nach robh pòcaid anns a ' phlaide bha iad a' caitheamh sporran ceangailte mum meadhan. Gu tric bhiodh sgian is forca, dà dhaga agus sgian aca cuideachd. 'S ann ainneamh a bhiodh brògan orra. Bhiodh iad casruisgte no bhiodh pìos leathair ceangailte mun casan.
Bha plaide air na boireannaich cuideachd agus bhiodh lèine le muilcheann fhada orra fodha. Bha plaide nam boireannach a' ruighinn bho h-amhaich gu casan agus bha e ceangailte tarsainn a broillich le bucall mòr agus mu meadhan le crios leathair.
Bha na boireannaich ceann-ruisgte gus am pòsadh iad, no gus an ruigeadh iad aois shònraichte. An dèidh sin bha ad oirre ris an canadh iad currac a bha air a dhèanamh à anart agus a bha ceangailte fon smiogaid.
Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Letters from a Gentleman in the North of Scotland to his friend in London'. Chaidh na litrichean a chlò-bhualadh gun urra, a sgrìobhadh le Edmund Burt, a bhàsaich ann an 1755.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aodach Làitheil air Ghàidhealtachd

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1720an

aodach; èideadh; aodach làitheil; plaidean; crios; bucall; bràistean; prìnichean; adan; èideadh cinn; aodaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)