Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Maise na h-Alba
EXTERNAL ID
QZP40_135_P001
ÀITE
Dùn Dornadilla / Dùn Dòrnaigil
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Diùirnis
DEIT
1808
LINN
1800an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30908
KEYWORDS
dùin
ballachan
àrd-dhoras
clachan
The Beauties of Scotland

'S e tobhta de dhùn a tha os cionn Abhainn An t-Srath Mhòir ann an Cataibh, mu 10 mìle deas air Hòb, a th'ann an Dùn Dornaigil. Chan eil air fhàgail ach am balla a-muigh agus tha balla-taice ùr ga chumail suas a-nis. Tha staidhre a bhiodh a' dol gu gaileiridh gu h-àrd air taobh staigh a' bhalla. Mar as trice, tha na ballachan eadar 1.8 is 3.3m a dh-àirde, ach tha e 6.7m aig a' phuing as àirde. 'S e an t-àrd-dhoras trì-cheàrnach tomadach os ceann doras an dùin fear de na prìomh rudan a tha sònraichte mu dheidhinn.

Tha an dealbh seo air a toirt o 'The Beauties of Scotland: Containing a clear and full account of the agriculture, commerce, mines and manufactures of the population, cities, towns, villages &c of each county. Vol. V', le Raibeart Forsyth (Dùn Eideann: Constabal, 1808). Tha an gràbhaladh air duilleag an tiotail le 'London: published by Vernor, Hood & Sharpe, May 1st 1808' air

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Maise na h-Alba

CATAIBH: Diùirnis

1800an

dùin; ballachan; àrd-dhoras; clachan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

'S e tobhta de dhùn a tha os cionn Abhainn An t-Srath Mhòir ann an Cataibh, mu 10 mìle deas air Hòb, a th'ann an Dùn Dornaigil. Chan eil air fhàgail ach am balla a-muigh agus tha balla-taice ùr ga chumail suas a-nis. Tha staidhre a bhiodh a' dol gu gaileiridh gu h-àrd air taobh staigh a' bhalla. Mar as trice, tha na ballachan eadar 1.8 is 3.3m a dh-àirde, ach tha e 6.7m aig a' phuing as àirde. 'S e an t-àrd-dhoras trì-cheàrnach tomadach os ceann doras an dùin fear de na prìomh rudan a tha sònraichte mu dheidhinn. <br /> <br /> Tha an dealbh seo air a toirt o 'The Beauties of Scotland: Containing a clear and full account of the agriculture, commerce, mines and manufactures of the population, cities, towns, villages &c of each county. Vol. V', le Raibeart Forsyth (Dùn Eideann: Constabal, 1808). Tha an gràbhaladh air duilleag an tiotail le 'London: published by Vernor, Hood & Sharpe, May 1st 1808' air