Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr

Nuair a chaidh Seumas VII a chur far na cathair-rìoghail ann an 1689, thug na Stiùbhartaich 50 bliadhna a' feuchainn ri tilleadh gu cathair-rìoghail Bhreatainn. Tron àm seo, thug na Seumasaich taic do Sheumas VII, a mhac, Seumas VIII (no an Seann Tagraiche) agus ogha (an Tagraiche Òg no am Prionnsa Teàrlach).

Thoisich a'chuid mu dheireadh de Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Thàinig Am Prionnsa air tìr air an taobh siar agus thog e a bhratach aig Gleann Fhionghain. B' ann às na fineachan Gàidhealach a bha a' chuid bu mhotha den luchd-taice aige. An toiseach, dh'obraich na h-innleachdan- sabaid aca, 'Highland Charge', gu math agus fhuair am Prionnsa cho fada deas ri Dàrbaidh. Ach cha b'urrainn dha an taic Shasannach agus Fhrangach a thogail air an robh e a' crochadh gu mòr. B' fheudar do na Seumasaich teiche, a' leantainn air an ruaig a chaidh a chur orra aig Blàr Chùil Lodair anns a' Ghiblean 1746. Fhuair am Prionnsa air falbh bhon a' bhlàr le a bheatha agus fhuair e às don Fhraing agus dhan Ròimh aig a' cheann thall. Thug an riaghaltas diofar innleachdan a-steach gus stad a chur air oidhirpean eile bho na Seumasaich. An deidh bàs a' Phrionnsa ann an 1788, cha robh cunnart sam bith air ar-a-mach eile.

Tha am mapa seo às an 'Historical Geography of the Clans of Scotland' le T B MacIain & Col Seumas A MacDhonnachaidh, 3mh Dreach, 1899

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mapa a' sealltainn Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745

1740an

Seumasaich; Ar-a-mach nan Seumasach; Am Prionnsa Teàrlach; Iarla Mhàrr; Blàr Sliabh an t-Siorraim; Tagraiche Òg; Seann Tagraiche; Gleann Fhionghain; a' togail na brataich; Blàr Chùil Lodair; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)

Nuair a chaidh Seumas VII a chur far na cathair-rìoghail ann an 1689, thug na Stiùbhartaich 50 bliadhna a' feuchainn ri tilleadh gu cathair-rìoghail Bhreatainn. Tron àm seo, thug na Seumasaich taic do Sheumas VII, a mhac, Seumas VIII (no an Seann Tagraiche) agus ogha (an Tagraiche Òg no am Prionnsa Teàrlach).<br /> <br /> Thoisich a'chuid mu dheireadh de Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745. Thàinig Am Prionnsa air tìr air an taobh siar agus thog e a bhratach aig Gleann Fhionghain. B' ann às na fineachan Gàidhealach a bha a' chuid bu mhotha den luchd-taice aige. An toiseach, dh'obraich na h-innleachdan- sabaid aca, 'Highland Charge', gu math agus fhuair am Prionnsa cho fada deas ri Dàrbaidh. Ach cha b'urrainn dha an taic Shasannach agus Fhrangach a thogail air an robh e a' crochadh gu mòr. B' fheudar do na Seumasaich teiche, a' leantainn air an ruaig a chaidh a chur orra aig Blàr Chùil Lodair anns a' Ghiblean 1746. Fhuair am Prionnsa air falbh bhon a' bhlàr le a bheatha agus fhuair e às don Fhraing agus dhan Ròimh aig a' cheann thall. Thug an riaghaltas diofar innleachdan a-steach gus stad a chur air oidhirpean eile bho na Seumasaich. An deidh bàs a' Phrionnsa ann an 1788, cha robh cunnart sam bith air ar-a-mach eile.<br /> <br /> Tha am mapa seo às an 'Historical Geography of the Clans of Scotland' le T B MacIain & Col Seumas A MacDhonnachaidh, 3mh Dreach, 1899