Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
mapa a' sealltainn gluasad an airm ro Bhlàr Chùil Lodair, 1746
EXTERNAL ID
QZP40_144_P153
ÀITE
Cùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1899
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30915
KEYWORDS
Seumasaich
Ar-a-mach nan Seumasach
Am Prionnsa Teàrlach
Blàr Chùil Lodair
Mòinteach Dhruim Athaisidh
Diùc Chumberland
zoomable

B' e Blàr Chùil Lodair am blàr mu dheireadh air talamh Bhreatainn a bha làimh ri làimh. Chuir am blàr crìoch air Ar-a-mach nan Seumasach bho 1745 agus air dòchas nan Seumasach anns an fharsaingeachd.

Anns a' Ghiblean 1746, bha arm nan Seumasach sgìth, acrach agus fo ghruaim an dèidh caismeachd fhada gu tuath à Dàrbaidh. Leis an aim a' teiche gu tuath leis an Diùc Chumberland air an tòir thòisich grunnan de na Gàidheil air tarraing. A dh'aindheoin comhairle bhon Mhorair Seòras Moireach iad a theiche do na beanntan agus sabaid às an sin, thagh Am Prionnsa Teàrlach Mòinteach Chùil Lodair mar an t-àite anns an seasadh iad an aghaidh arm an riaghaltais.

Air oidhche an 15mh den Ghiblean 1746, rinn an airm Seumasaich caismeachd air Inbhir Narann à Cùil Lodair leis an dòchas gun toireadh iad ionnsaigh air airm Diùc Chumberland gun fhiosda. Ach, nuair a ràinig iad Inbhir Narann tràth anns a' mhadainn, lorg iad saighdearan an riaghaltais nan dùisg agus a' comharrachadh an 25mh co-là breith aig an Diùc. Thionndaidh na Seumasaich agus rinn iad deich mìle caismeachd air ais a Chùil Lodair.

Nuair a thuig an Diùc Chumberland gun robh na Seumasaich air a bhith a' caismeach fad na h-oidhche, chuir e roimhe an coinneachadh air Mòinteach Chùil Lodair. Bha am blàr seachad taobh a-staigh uair a thìde.

Chaidh mu 1,500 Seumasach a mharbhadh anns a' bhlàr agus as a dèidh le daoine neo-chionntach nam measg nach do ghabh pàirt anns a' bhlàr agus boireannaich is clann. Choisinn na gniomhan seo am farainm 'Buidsear' don Diùc Chumberland. Theich Am Prionnsa Teàrlacham blàr mus do chriochnaich an t-sabaid agus mu dheireadh fhuair e air falbh don Fhraing agus An Ròimh.

Tha am mapa seo a' sealltainn gluasadan an airm ron a' bhlàr. 'S ann bho 'Historical Geography of the Clans of Scotland' le T B MacIain & Col Seumas A MacDhonnachaidh, 3mh Dreach, 1899 a tha e

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

mapa a' sealltainn gluasad an airm ro Bhlàr Chùil Lodair, 1746

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1740an

Seumasaich; Ar-a-mach nan Seumasach; Am Prionnsa Teàrlach; Blàr Chùil Lodair; Mòinteach Dhruim Athaisidh; Diùc Chumberland; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)