Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann chrann Albannach agus cas-chrom
EXTERNAL ID
QZP40_159_8
DEIT
1875
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30917
KEYWORDS
crann Albannach
cas-chrom
cruinn
àiteachas
a' Ghàidhealtachd
crann Gàidhealach
Old Scotch plough and Caschroim, or crooked spade

Chaidh an dealbh de sheann chrann Albannach agus de chas-chrom a thogail bho ghearradh-fiodha o dhealbh-litrichean san leabhar aig Iain S. Keltie, 'A history of the Scottish Highlands, Highland clans and Highland regiments', 1875, td 9. Tha an t-ùghdar ag innse gu bheil fad a' chrainn 'mu cheithir troighean gu leth, agus gun ann ach aon làmh airson a stiùireadh. Bha bòrd ùireach ceangailte ris le dà èill leathair, agus bha soc agus coltair ceangailte aig an t-sròin le cearcall iarrainn. Bha ceithir, sia no barrachd eich no beathaichean mairt ceangailte ri taobh a chèile anns na sìntean a bha air an dèanamh de leathair. Dh' fheumadh triùir no ceathrar fhear a bhith an sàs ann an seo oir bha an t-inneal cho duilich a làimhseachadh. Bha an treabhaiche a' coiseachd ri taobh a' chruinn agus grèim aige air an stiùir le aon làimh. Bha an draibhear a'coiseachd air thoiseach air na beathaichean an comhair a'chùil agus na sriantan aige air maide-tarsainn a bha aige na làmhan, tha e coltach. Air cùlaibh an treabhaiche bhiodh aon duine no dithis, agus b'e an obair acasan a bhith a' cur sios le spaid na sgrathan a bha an crann a' togail.'

Bhathas a' cleachdadh cas-chrom air talamh creagach far nach robh an crann gu feum. 'Bha mu shia troighean de dh'fhiodh làidir innte agus i air a lùbadh mun cheann ìochdarach le ceann leathann rèidh fiodha agus pìos de dh'iarann biorach ga chòmhdach aig an deireadh. Bha pìos fiodh ochd òirlich a dh' fhaid a' tighinn a-mach à cliathaich an iarainn-ghearraidh agus 's e sgonnan a bha seo a bha air an dinneadh leis a' chois gus an rachadh e air a chliathaich dhan talamh'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann chrann Albannach agus cas-chrom

1870an

crann Albannach; cas-chrom; cruinn; àiteachas; a' Ghàidhealtachd; crann Gàidhealach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Chaidh an dealbh de sheann chrann Albannach agus de chas-chrom a thogail bho ghearradh-fiodha o dhealbh-litrichean san leabhar aig Iain S. Keltie, 'A history of the Scottish Highlands, Highland clans and Highland regiments', 1875, td 9. Tha an t-ùghdar ag innse gu bheil fad a' chrainn 'mu cheithir troighean gu leth, agus gun ann ach aon làmh airson a stiùireadh. Bha bòrd ùireach ceangailte ris le dà èill leathair, agus bha soc agus coltair ceangailte aig an t-sròin le cearcall iarrainn. Bha ceithir, sia no barrachd eich no beathaichean mairt ceangailte ri taobh a chèile anns na sìntean a bha air an dèanamh de leathair. Dh' fheumadh triùir no ceathrar fhear a bhith an sàs ann an seo oir bha an t-inneal cho duilich a làimhseachadh. Bha an treabhaiche a' coiseachd ri taobh a' chruinn agus grèim aige air an stiùir le aon làimh. Bha an draibhear a'coiseachd air thoiseach air na beathaichean an comhair a'chùil agus na sriantan aige air maide-tarsainn a bha aige na làmhan, tha e coltach. Air cùlaibh an treabhaiche bhiodh aon duine no dithis, agus b'e an obair acasan a bhith a' cur sios le spaid na sgrathan a bha an crann a' togail.'<br /> <br /> Bhathas a' cleachdadh cas-chrom air talamh creagach far nach robh an crann gu feum. 'Bha mu shia troighean de dh'fhiodh làidir innte agus i air a lùbadh mun cheann ìochdarach le ceann leathann rèidh fiodha agus pìos de dh'iarann biorach ga chòmhdach aig an deireadh. Bha pìos fiodh ochd òirlich a dh' fhaid a' tighinn a-mach à cliathaich an iarainn-ghearraidh agus 's e sgonnan a bha seo a bha air an dinneadh leis a' chois gus an rachadh e air a chliathaich dhan talamh'