Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sean Chaisteal Dhùn Robain
EXTERNAL ID
QZP40_159_83
ÀITE
Caisteal Dhùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30919
KEYWORDS
Caisteal Dhùn Robain
caistealan
Cataibh: Iarlan Chataibh
Diùcan Chataibh
Bàn-Iarlan Chataibh
fuadaichean
caoraich

cinnidhean
oighreachdan
Old Dunrobin Castle

Mu mhìle an ear-thuath air Goillspidh, loirgear Dùn Robain, agus seo far a bheil seann dachaigh Iarlan agus Dhiùcan Chataibh. Tha e air aithris gun tàinig an t-ainm bhon t-6mh Iarla, Raibeart, 'Caisteal Robain'. Chaidh an caisteal a thogail an seo an toiseach anns a' chiad chuid dhen 13mh linn agus bha e na thogalach fìor mhòr, cheàrnagach, a bha na àite-gleidhidh. Bho 1660 chaidh iomadh pìos a chur ris agus chan fhaic thu an-diugh a' chiad àite-gleidhidh. Chaidh an caisteal a dhealbhadh as ùr ann an 1840, ann an stoidhle Fleamach, le Sir Teàrlach Berry, am fear a dhealbh Taigh nan Cumantan, ach chaidh iomadh pàirt am broinn a' chaisteil a mhilleadh le teine ann an 1915 agus chaidh a dhealbhadh as ùr le Sir Raibeart Lorimer.

Bha teaghlach Diùca Chataibh ainmeil ann an eachdraidh na Gaidhealtachd. Rinn a' chiad Diùca 'leasachadh' mòr air an oighreachd ann an 1810 nuair a rinn e a-mach gun dèanadh e barrachd airgid à caoraich na dhèanadh e às na tuathanaich ag obair air an talamh. Thathas a' cur na coire air airson nam fuadaichean bu mhotha a bha air a' Ghaidhealtachd.

Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sean Chaisteal Dhùn Robain

CATAIBH: Goillspidh

1870an

Caisteal Dhùn Robain; caistealan; Cataibh: Iarlan Chataibh; Diùcan Chataibh; Bàn-Iarlan Chataibh; fuadaichean; caoraich;
cinnidhean; oighreachdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)