Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caistealan Clann na Ceàrdaich agus Goirneag-Geòdh'
EXTERNAL ID
QZP40_159_125
ÀITE
Inbhir Ùige
SGÌRE
Gallaibh an Ear
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Ùige
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30923
KEYWORDS
Clann na Ceàrdaich
caistealan
gunnaichean mòra
Iarlan Ghallaibh
Inbhir Ùige
Goirneag-Geòdh'
Castle Sinclair Girnigoe

Thathar air eachdraidh na làraich seo ath-sgrìobhadh às dèidh rannsachaidh le Field Archaeology Specialists Ltd (FAS) aig Oilthigh York.

Bhathar a' creidsinn gun do thog Iarlan Ghallaibh dà chaisteal an seo: fear sa 15mh linn agus fear eile aig toiseach an t-17mh linn. Is e 'Caisteal Goirneag-Geòdh'' a bh' air a' phrìomh structair agus b' e 'Caisteal Mhic na Ceàrdaich' a bh' air an togalach eile. Bhathar den bheachd gun deach an dà chuid a sgrios le gunnaichean-mòra ann an ionnsaigh ann an 1690.

A dh'aindeoin seo, tha rannsachadh FAS air dearbhadh nach robh ach aon chaisteal ann riamh. Chaidh tòiseachadh air an caisteal a thogail cho tràth ri deireadh a' 14mh linn agus bhathar air cur ris an togalach thar nam bliadhnaichean. Thogadh am pàirt mu dheireadh dhen chaisteal san t-17mh linn.

Ann an 1606, fhuair Iarla Ghallaibh Achd Pàrlamaid gus ainm a' chaisteil atharrachadh bho Chaiseal Goirneag-Geòdh gu Caisteal Mhic na Ceàrdaich ach bhiodh daoine fhathast a' cleachdadh an dà ainm. 'S ann mar thoradh air seo a bha mì-thuigse ann agus gun robhar den bheachd gun robh dà chaisteal ann.

Caisteal Mhic na Ceàrdaich Giornaigeò air fhosgladh don mhòr-shluagh an 1mh Lùnastail 2010 an dèidh pròiseict ath-thogail a sheas deich bliadhna, a' cosg £700,000. Tha dà earrann eile air am planadh a nì an togalach na phrìomh tharraing turasachd.

Tha an dealbh seo a' nochdadh anns an leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1', deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caistealan Clann na Ceàrdaich agus Goirneag-Geòdh'

GALLAIBH: Inbhir Ùige

1870an

Clann na Ceàrdaich; caistealan; gunnaichean mòra; Iarlan Ghallaibh; Inbhir Ùige; Goirneag-Geòdh'

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)