Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal na Sròine (Caisteal Urchadain)
EXTERNAL ID
QZP40_159_159
ÀITE
Druim na Drochaid
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan
DEIT
1875
LINN
1870an
CRUTHADAIR
J Fleming and W Forrest
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30925
KEYWORDS
Caisteal Urchardain
caistealan
Urchardan
Loch Nis
a' Ghaidhealtachd
airceòlas
Castle Urquhart

Seo sealladh air Caisteal Urchardain (neo Caisteal na Sròine), Loch Nis, a' coimhead gu tuath. Air a peantadh le J Fleming agus air a snaidheadh le W Forest, chaidh an dealbh a thoirt à leabhar Iain S. Keltie, 'A history of the Scottish Highlands, Highland clans and Highland regiments' , 1875.

Sgrìobhte fon dealbh tha na facail 'ceadaichte le còir sgrìobhte 1509 do theaghlach Grannd nan Granndach a tha a-nis nan Iarlan air Rudha Nòis'. 'S e tobhtaichean tùir bhon t-17mh linn a tha rim faicinn air an làraich an-diugh, ach bha an t-ionad air a chleachdadh bho àm Linn an Iarainn. B' ann le na Cuimeinich a bha Caisteal Urchardain anns an 13mh linn agus bha Eideard I a' fuireach an sin ann an 1296 agus ann an 1303. Bha Clann Dòmhnaill nan Eilean gu tric a' toirt ionnsaigh air a' chaisteal agus bha na Cùmhnantaich a' fuireach ann ann an 1645 agus na Seumasaich ann an 1689. Sgrios an riaghaltas an caisteal ann an 1691 gus nach biodh e na dhaighneachd aig na Seumasaich. Tha Caisteal Urchardain an-diugh air a ghleidheadh le Alba Eachdraidheil as leth an Riaghaltais

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal na Sròine (Caisteal Urchadain)

INBHIR NIS: Urchadan 's Gleann Moireasdan

1870an

Caisteal Urchardain; caistealan; Urchardan; Loch Nis; a' Ghaidhealtachd; airceòlas

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Seo sealladh air Caisteal Urchardain (neo Caisteal na Sròine), Loch Nis, a' coimhead gu tuath. Air a peantadh le J Fleming agus air a snaidheadh le W Forest, chaidh an dealbh a thoirt à leabhar Iain S. Keltie, 'A history of the Scottish Highlands, Highland clans and Highland regiments' , 1875. <br /> <br /> Sgrìobhte fon dealbh tha na facail 'ceadaichte le còir sgrìobhte 1509 do theaghlach Grannd nan Granndach a tha a-nis nan Iarlan air Rudha Nòis'. 'S e tobhtaichean tùir bhon t-17mh linn a tha rim faicinn air an làraich an-diugh, ach bha an t-ionad air a chleachdadh bho àm Linn an Iarainn. B' ann le na Cuimeinich a bha Caisteal Urchardain anns an 13mh linn agus bha Eideard I a' fuireach an sin ann an 1296 agus ann an 1303. Bha Clann Dòmhnaill nan Eilean gu tric a' toirt ionnsaigh air a' chaisteal agus bha na Cùmhnantaich a' fuireach ann ann an 1645 agus na Seumasaich ann an 1689. Sgrios an riaghaltas an caisteal ann an 1691 gus nach biodh e na dhaighneachd aig na Seumasaich. Tha Caisteal Urchardain an-diugh air a ghleidheadh le Alba Eachdraidheil as leth an Riaghaltais