Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rob Ruadh MacGriogair
EXTERNAL ID
QZP40_159_245
DEIT
1875
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30931
KEYWORDS
Rob Ruadh MacGriogair
ceatharnaich-coille
Seumasaich
crodh
cinnidhean
blàran
Rob Roy Macgregor

Tha Rob Ruadh MacGhriogair (1671-1734) ainmeil mar 'Robin Hood na h-Alba'. B' e am mac a b' òige a bh' aig ceann-cinnidh Chloinn Ghriogair agus shabaid e air taobh nan Seumasach aig Blàr Choille Chneagaidh.

Bha e na dhròbhair sgileil ach an dèidh dha suim mhòr airgid a bha e air fhaighinn air iasad bho Dhiùc Mhontrois a chall, chaidh e fhèin agus a theaghlach am fuadach bhon cuid talmhainn. Fhuair e talamh air mhàl bho cho-ogha, Iain Caimbeul, Iarla Bhraghaid Albainn, a bha na nàmhaid poilitigeach do Dhiùc Mhontrois.

Ann an 1694 chaidh an sloinneadh MacGriogair a dhèanamh toirmisgte agus mar sin chleachd e sloinneadh a mhàthar, Caimbeul. Rè Aramach 1715 nan Seumasach thug Rob Ruadh agus Clann Ghriogair taic do na Seumasaich agus shabaid iad an aghaidh arm an Riaghaltais anns na Trosaichean. Air sàilleabh ùmhlachd do na Caimbeulaich a bha air taobh an riaghaltais, cha do shabaid e idir aig Blàr Shliabh an t-Siorraim.

A dh'aindeoin seo bha e air iarraidh airson àrd bhrathadh agus bha e fon choill gu 1725 gus an do ghèill e don t-Seanalair Wade. Fhuair e làn mhathanas bho Dheòrsa I agus bhàsaich e aig a thaigh faisg air Both Chuidir. Tha na briathran 'MacGregor despite them' air an uaigh aige, a' buntainn ris an àm nuair a bha sloinneadh MhicGhriogair toirmisgte.

Tha an dealbh seo air a toirt bho "A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments" leabhar 2 , le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rob Ruadh MacGriogair

1870an

Rob Ruadh MacGriogair; ceatharnaich-coille; Seumasaich; crodh; cinnidhean; blàran

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)