Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois
EXTERNAL ID
QZP40_159_270
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Holl
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30935
KEYWORDS
marcaisean
uaisleachd
James Graham, Marquis of Montrose

B' e Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois, fear de na ceithir uaislean a dhealbh an Cùmhnant Nàiseanta ann an Eaglais nam Manach Liath, Dùn Eideann, ann an 1638. Bha iad an aghaidh oidhirpean Theàrlaich I riaghladh na h-eaglais Easbaigich a stèidheachadh ann an Alba an àite Clèireachd. B' e pàipear a bha sa Chùmhnant ris an do chuir daoine na h-ainmean aca, a' gealltainn gun dèanadh iad dìon air còirichean na h-Alba ann an cùisean mun eaglais is na Stàite. Bha iad ag iarraidh gun deaghadh an dòigh anns an robh Alba air a riaghladh atharrachadh is gum biodh cumhachd an Rìgh air a chuingealachadh. Cha robh an Greumach cho làidir, ge-tà, is bha na Cùmhnantaich a' cur dragh air. Mar thoradh air an seo, chaidh e gu taobh Theàrlaich I an aghaidh nan Cùmhnantach is feachd Chrombail.

Bha an Greumach soirbheachail ann an iomadh blàr air feadh na Gaidhealtachd mar cheannard feachd nan Rìoghairean ann an Alba mus d'fhuair e òrdugh na saighdearan a leigeil mu sgaoil is teiche dhan Fhraing. Thill e a dh'Alba a chum dìoghaltas a dhèanamh airson bàs Theàrlaich I, ach chaidh a ghlacadh ann an Carbasdail. Chaidh a chur an grèim aig Caisteal Aird Bhreac is chaidh a chrochadh ann an Dùn Eideann.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois

1870an

marcaisean; uaisleachd

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois, fear de na ceithir uaislean a dhealbh an Cùmhnant Nàiseanta ann an Eaglais nam Manach Liath, Dùn Eideann, ann an 1638. Bha iad an aghaidh oidhirpean Theàrlaich I riaghladh na h-eaglais Easbaigich a stèidheachadh ann an Alba an àite Clèireachd. B' e pàipear a bha sa Chùmhnant ris an do chuir daoine na h-ainmean aca, a' gealltainn gun dèanadh iad dìon air còirichean na h-Alba ann an cùisean mun eaglais is na Stàite. Bha iad ag iarraidh gun deaghadh an dòigh anns an robh Alba air a riaghladh atharrachadh is gum biodh cumhachd an Rìgh air a chuingealachadh. Cha robh an Greumach cho làidir, ge-tà, is bha na Cùmhnantaich a' cur dragh air. Mar thoradh air an seo, chaidh e gu taobh Theàrlaich I an aghaidh nan Cùmhnantach is feachd Chrombail.<br /> <br /> Bha an Greumach soirbheachail ann an iomadh blàr air feadh na Gaidhealtachd mar cheannard feachd nan Rìoghairean ann an Alba mus d'fhuair e òrdugh na saighdearan a leigeil mu sgaoil is teiche dhan Fhraing. Thill e a dh'Alba a chum dìoghaltas a dhèanamh airson bàs Theàrlaich I, ach chaidh a ghlacadh ann an Carbasdail. Chaidh a chur an grèim aig Caisteal Aird Bhreac is chaidh a chrochadh ann an Dùn Eideann.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie