Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal a' Bhlàir
EXTERNAL ID
QZP40_159_312
ÀITE
Caisteal Bhlàir
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1875
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30941
KEYWORDS
Caisteal a' Bhlàir
caistealan
Athall
Diùcan Athaill
Gàidheil Athaill
airm
Seumasaich
am Morair Seòras Moireach
Blair Castle

Tha Caisteal a' Bhlàir air a bhith na dhachaigh do dh'Iarlan agus Dhiùcan Athaill airson còrr is seachd linntean. Tha làrach a' chaisteil a' ciallachadh gu bheil e mar gheata gu Monadh Dhruim Uachdair agus chun na slighe tuath gu Inbhir Nis.

Ann an 1740 thòisich an Diùc air an caisteal a leasachadh gu bhith coltach ri aitreabh Deòrsach. Chuir Aramach nan Seumasach ann an 1745 casg air an obair agus ghabh feachdan an riaghaltais Caisteal a' Bhlàir thairis agus chaidh a chuairteachadh leis a' Mhorair Seòras Moireach, bràthair an dara Dìuc, a chuir seachd canain tro mhullach a' chaisteil.

As dèidh an Aramach, chum an t-ailtire Seumas Winter air adhart leis an obair leasachaidh gus an caisteal a dhèanamh coltach ri aitreabh Deòrsach le bhith a' toirt air falbh thuraitean agus ìomhaighean agus a' cur stàcan simileir agus mullaichean biorach nan àite.

Tha Caisteal a' Bhlàir na dhachaigh do Ghàidheil Athaill, an aon arm prìobhaideach a tha air fhàgail san Roinn Eòrpa. Tha Gàidheil Athaill air am fastadh bho oighreachd Athaill agus 's e geàrd prìobhaideach a th'annta.

Tha an dealbh seo air a toirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments' leabhar 1, le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal a' Bhlàir

PEAIRT: Blàr Athall

1870an

Caisteal a' Bhlàir; caistealan; Athall; Diùcan Athaill; Gàidheil Athaill; airm; Seumasaich; am Morair Seòras Moireach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)