Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Còrnaileirean aig an 42mh Rèisimeid Rìoghail Ghàidhealach
EXTERNAL ID
QZP40_159_324
DEIT
1877
LINN
1870an
CRUTHADAIR
H Crickmore
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30942
KEYWORDS
Rèiseamaidean Gàidhealach
Am Freiceadan Dubh
42mh Rèiseamaid Ghàidhealach
feachdan
tartain
èideadh
Colonels of the 42nd Royal Highland Regiment

Chaidh am Freiceadan Dubh a stèidheachadh bho shia Companaidhean Neo-eisimeileach a chaidh a thogail anns na 1720an gus tèarainteachd a chumail air a' Ghàidhealtachd. Thàinig an t-ainm aca 'Am Freiceadan Dubh' (no 'The Black Watch' anns a' Bheurla) bho na dathan dorcha (dubh, uaine agus gorm) a bha rim faicinn air an fhèileadh mhòr aca a bha air a dhèanamh de thartan an Riaghaltais. Ann an 1740, chaidh na companaidhean a chur còmhla mar an 43mh Rèisimeid Coise. Chaidh an Rèisimeid ath-ainmeachadh a-rithist mar an 42mh Rèisimeid Rìoghail.

Anns an dealbh seo a nochd san leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans, and Highland Regiments' le Iain S Keltie, foillsichte ann an 1877, chithear ceithir Còrnaileirean aig an Rèisimeid:

Am Fo-cheannard Seanalair Iain Lindsay, 20mh Iarla Chreamhainn, Imh Còrnaileir 1739-1740.
An Seanalair Sir Seòras Moireach GCB, GCH, 7mh Còrnaileir 1823-1843.
Am Fo-cheannard Seanalair Sir Iain MacDhòmhnaill GCB, 8mh Còrnaileir 1844-1850.
An Seanalair Sir Donnchadh Camshron GCB, 11mh Còrnaileir 1863-1865.

Chaidh an rèisimeid seo ath-ainmeachadh mar 'Am Freiceadan Dubh: 3mh Buidheann-chatha Rèisimeid Rìoghail na h-Alba' ann an Ath-leasachaidhean Airm 2006.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còrnaileirean aig an 42mh Rèisimeid Rìoghail Ghàidhealach

1870an

Rèiseamaidean Gàidhealach; Am Freiceadan Dubh; 42mh Rèiseamaid Ghàidhealach; feachdan; tartain; èideadh

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)