Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fearchar Seathanach den Fhreiceadan Dubh
EXTERNAL ID
QZP40_159_330
DEIT
1875
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30943
KEYWORDS
feachdan
Am Freiceadan Dubh
ceannairc
luchd teiche
èideadh
Saighdear Fearchar Seathanach
Farquhar Shaw of the Black Watch

Ann an 1743 fhuair Am Freiceadan Dubh òrdugh caismeachd a Shasainn. Bha seo neo-àbhaisteach oir sa chumantas bha iad ag obair taobh a-staigh crìochan na h-Alba. Chuala iad air an t-slighe gun robh iad a' dol a-null thairis ach an uair a ràinig iad Lunnainn chuala iad gur ann a dh'Ameireagaidh gu na planntachaidhean a bha dùil riutha. Am beachd a' Phàrlamaid, 's e peanasachadh nas miosa na 'm bàs a bh'ann Gàidheil a chur thall-thairis 's mar sin thòisich an rèisimeid a' smaoineachadh air tilleadh dhachaigh.

Gun fhios do na h-oifigearan rinn pàirt den rèisimeid deiseil airson caismeachd gu tuath air feasgar 17mh-18mh Chèitein 1743. Chaidh na Gàidheil an lorg air 19mh Cèitein agus ghabh iad ris a' chomhairle gèilleadh agus tilleadh a Lunainn. Chaidh na dh'fhuirich den rèisimeid ann an Lunnainn a chur air soithichean gu Flanders.

Chaidh na saighdearan a theich a thoirt gu cùirt agus ged a fhuair iad binn bàis, cha deach ach triùir a mharbhadh. B' iad seo na Coirpileirean Calum agus Solamh Mac a' Phearsain agus an saighdear Fearchar Seathanach.

Chaidh an dealbh seo de Shaighdear Sheathanach a thoirt à 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fearchar Seathanach den Fhreiceadan Dubh

1870an

feachdan; Am Freiceadan Dubh; ceannairc; luchd teiche; èideadh; Saighdear Fearchar Seathanach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)