Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Iain Greumach, Morair Dhùn Dèagh
EXTERNAL ID
QZP40_159_351
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30945
KEYWORDS
Bonnie Dundee
Morair Dhùn Dèagh
morairean
Na Seumasaich
Cùmhnantaich: Uilleam à Orange : Seumas VII
blàir
ar-a-mach
reubaltachd
uaislean
John Graham, Viscount Dundee

Fhuair Iain Greumach Claverhouse (1649-1689) oideachadh ann an Oilthigh Chill Rìbhinn mus do dh'fhàg e Alba. Chaidh e dhan Fhraing agus an uairsin dhan Òlaind. Chaidh e dhan rèisimeid-eich aig a' Phrìonnsa (Uilleam à Orange) anns an Òlaind ann an 1672. Thill e a dh' Alba ann an 1677 agus bha e a' dèanamh sheirbheis ann am feachd-eich. As dèidh sin chaidh fhastadh le riaghaltas Theàrlaich II gus an Eaglais Easbaigeach a sparradh air an t-sluagh agus gus na Cùmhnantaich a chur fodha.

Fhuair e an tìotal Morair Dhùn Dèagh bho Sheumas VII ann an 1688. Ann an 1689 chaidh cùisean bun os cionn nuair a chaill Seumas VII an crùn agus b' e am Prìonnsa Uilleam a bha a' riaghladh. Chruinnich Morair Dhùn Dèagh feachd a dhèanadh sabaid do Sheumas VII agus bha e air ceann arm nan Seumasach nuair a rinn iad a' chùis aig Coille Chnagaidh, ach chaidh am Morair a mharbhadh anns a' bhlàr.

Bha e na ghaisgeach dha na Seumasaich agus thug iad 'Bonnie Dundee' air, ach bu bheag air na Cùmhnantaich e agus thug iadsan 'Bloody Clavers' air.

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Iain Greumach, Morair Dhùn Dèagh

1870an

Bonnie Dundee; Morair Dhùn Dèagh; morairean; Na Seumasaich; Cùmhnantaich: Uilleam à Orange : Seumas VII; blàir; ar-a-mach; reubaltachd; uaislean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)