Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coille Chnagaidh
EXTERNAL ID
QZP40_159_368
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
W Forrest & D O Hill
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30947
KEYWORDS
Coille Chnagaidh
An Seanalair Ùisdean MacAoidh
Morair Dhùn Dèagh
claidhmhnean
gunnaichean
Leum an t-Saighdeir
bealaichean
ionnsaighean
Na Seumasaich
airm
saighdearan
Killiecrankie

Air an t-27mh Iuchar 1689, bha arm nan Seumasach agus Morair Dhùn Deagh air an ceann agus arm nan Uilleamach (Uilleam à Orange) agus an seanalair Ùisdean MacAoidh air an ceann, a' sabaid aig Coille Chnagaidh. Bha Morair Dhùn Dèagh air làmh an uachdair fhaighinn gu gleusta le bhith ga shuidheachadh fhèin air druim aig gob a' bhealaich. Thàinig an seanalair MacAoidh agus dh'fhuirich e air an talamh rèidh a bha gu h-ìseal, an àite ionnsaigh a thoirt suas air beinn. Bha Morair Dhùn Dèagh air toirt orra a dhol far an robh a' ghrian nan sùilean agus an abhainn air an cùlaibh.

Nuair fhuair iad an òrdugh, ruith na Seumasaich a-nuas, a' losgadh an toiseach agus an uairsin a' dol an sàs ann an saighdearan MhicAoidh le an claidhmhnean mòra. Theich saighdearan aineolach MhicAoidh leis an eagal agus na Seumasaich as an dèidh. Leum saighdear, Dòmhnall MacBheathain, a bha ann am feachd MhicAoidh, Abhainn Gharaidh agus tha Leum an t-Saighdeir mar ainm air an àite sin chun an latha an-diugh. Le cho èifeachdach 's a bha ionnsaigh Dhùn Dèagh, cha do sheas am blàr ach cairteal na h-uarach; ach chaidh Morair Dhùn Dèagh a mharbhadh agus mar sin chaidh arm nan Seumasach ma sgaoil.

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coille Chnagaidh

PEAIRT: Blàr Athall

1870an

Coille Chnagaidh; An Seanalair Ùisdean MacAoidh; Morair Dhùn Dèagh; claidhmhnean; gunnaichean; Leum an t-Saighdeir; bealaichean; ionnsaighean; Na Seumasaich; airm; saighdearan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Air an t-27mh Iuchar 1689, bha arm nan Seumasach agus Morair Dhùn Deagh air an ceann agus arm nan Uilleamach (Uilleam à Orange) agus an seanalair Ùisdean MacAoidh air an ceann, a' sabaid aig Coille Chnagaidh. Bha Morair Dhùn Dèagh air làmh an uachdair fhaighinn gu gleusta le bhith ga shuidheachadh fhèin air druim aig gob a' bhealaich. Thàinig an seanalair MacAoidh agus dh'fhuirich e air an talamh rèidh a bha gu h-ìseal, an àite ionnsaigh a thoirt suas air beinn. Bha Morair Dhùn Dèagh air toirt orra a dhol far an robh a' ghrian nan sùilean agus an abhainn air an cùlaibh. <br /> <br /> Nuair fhuair iad an òrdugh, ruith na Seumasaich a-nuas, a' losgadh an toiseach agus an uairsin a' dol an sàs ann an saighdearan MhicAoidh le an claidhmhnean mòra. Theich saighdearan aineolach MhicAoidh leis an eagal agus na Seumasaich as an dèidh. Leum saighdear, Dòmhnall MacBheathain, a bha ann am feachd MhicAoidh, Abhainn Gharaidh agus tha Leum an t-Saighdeir mar ainm air an àite sin chun an latha an-diugh. Le cho èifeachdach 's a bha ionnsaigh Dhùn Dèagh, cha do sheas am blàr ach cairteal na h-uarach; ach chaidh Morair Dhùn Dèagh a mharbhadh agus mar sin chaidh arm nan Seumasach ma sgaoil. <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie