Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bealach Coille Chnagaidh
EXTERNAL ID
QZP40_159_375
ÀITE
Bealach Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30948
KEYWORDS
Coille Chnagaidh
blàir
An Seanalair Uisdean Mac Aoidh
Morair Dhùn Deagh
claidheamhan
gunnaichean
Leum an t-Saighdeir
bealaichean
ionnsaighean
Na Seumasaich
airm
saighdearan
Pass of Killiecrankie

Air an t-27mh Iuchar 1689, bha arm nan Seumasach agus Morair Dhùn Deagh air an ceann agus arm nan Uilleamach ( Uilleam à Orange) agus an seanalair Uisdean Mac Aoidh air an ceann, a' sabaid aig Coille Chnagaidh. Bha Morair Dhùn Deagh air làmh an uachdair fhaighinn gu gleusta le bhith ga shuidheachadh fhèin air druim aig gob a' bhealaich. Thàinig an seanalair Mac Aoidh agus dh'fhuirich e air an talamh rèidh a bha gu h-ìseal, an àite ionnsaigh a thoirt suas air beinn. Bha Morair Dhùn Deagh air toirt orra a dhol far an robh a' ghrian nan sùilean agus an abhainn air an cùlaibh.

Nuair fhuair iad am facal, ruith na Seumasaich a-nuas, a' losgadh an toiseach agus an uairsin a' dol an sàs ann an saighdearan MhicAoidh le an claidhmhnean mòra. Theich saighdearan aineolach MhicAoidh leis an eagal agus na Seumasaich as an dèidh. Leum saighdear, Dòmhnall MacBheathain, a bha ann am feachd MhicAoidh, Abhainn Gharaidh agus tha Leum an t-Saighdeir mar ainm air an àite sin chun an latha an-diugh. Le cho èifeachdach 's a bha ionnsaigh Dhùn Deagh, cha do sheas am blàr ach cairteal na h-uarach; ach chaidh Morair Dhùn Deagh a mharbhadh agus mar sin chaidh arm nan Seumasach ma sgaoil. Bha an t-arm Seumasach fo smachd aig MacAoidh taobh a-staigh bliadhna.

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bealach Coille Chnagaidh

PEAIRT: Blàr Athall

1870an

Coille Chnagaidh; blàir; An Seanalair Uisdean Mac Aoidh; Morair Dhùn Deagh; claidheamhan; gunnaichean; Leum an t-Saighdeir; bealaichean; ionnsaighean; Na Seumasaich; airm; saighdearan;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Air an t-27mh Iuchar 1689, bha arm nan Seumasach agus Morair Dhùn Deagh air an ceann agus arm nan Uilleamach ( Uilleam à Orange) agus an seanalair Uisdean Mac Aoidh air an ceann, a' sabaid aig Coille Chnagaidh. Bha Morair Dhùn Deagh air làmh an uachdair fhaighinn gu gleusta le bhith ga shuidheachadh fhèin air druim aig gob a' bhealaich. Thàinig an seanalair Mac Aoidh agus dh'fhuirich e air an talamh rèidh a bha gu h-ìseal, an àite ionnsaigh a thoirt suas air beinn. Bha Morair Dhùn Deagh air toirt orra a dhol far an robh a' ghrian nan sùilean agus an abhainn air an cùlaibh. <br /> <br /> Nuair fhuair iad am facal, ruith na Seumasaich a-nuas, a' losgadh an toiseach agus an uairsin a' dol an sàs ann an saighdearan MhicAoidh le an claidhmhnean mòra. Theich saighdearan aineolach MhicAoidh leis an eagal agus na Seumasaich as an dèidh. Leum saighdear, Dòmhnall MacBheathain, a bha ann am feachd MhicAoidh, Abhainn Gharaidh agus tha Leum an t-Saighdeir mar ainm air an àite sin chun an latha an-diugh. Le cho èifeachdach 's a bha ionnsaigh Dhùn Deagh, cha do sheas am blàr ach cairteal na h-uarach; ach chaidh Morair Dhùn Deagh a mharbhadh agus mar sin chaidh arm nan Seumasach ma sgaoil. Bha an t-arm Seumasach fo smachd aig MacAoidh taobh a-staigh bliadhna. <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie