Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gleann Comhainn
EXTERNAL ID
QZP40_159_400
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30952
KEYWORDS
Gleann Comhainn
glinn
Clann 'ic Iain
Dòmhnallaich
cinnidhean
Murt Ghleann Comhainn
beanntan
sreap
Urras Nàiseanta na h-Alba
Glen Coe

Tha deich mìle de dh'fhaid ann an Gleann Comhainn a tha a' ruith eadar Loch Lìobhain agus Mòinteach Rainich. Tha e ainmeil a thaobh creag-eòlais agus lus-eòlais agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba e ann an 1930. Tha druim Aonach Eagach, air taobh tuath a' ghlinne, ainmeil mar an t-àite sreap as duilghe air tìr-mòr na h-Alba. Tha Bidean nam Bian air an taobh ìseal a deas agus Buachaille Eite Bheag, a tha a' ruighinn air ais gu Gleann Eite, agus Buachaille Eite Mhòir air an taobh uachdrach a deas. Tha luchd-sreap agus luchd-coiseachd nam beann glè dhèidheil air an sgìre seo.

Tha an gleann ainmeil cuideachd air sgàth Murt Ghlinne Comhainn. Ann an 1692 chuir an Riaghaltas saighdearan dearga fo cheannard Caimbeulach dhan ghleann a mharbhadh Clann Iain Ghlinne Comhainn. Bha iad airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann Mhic Iain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Fhuair na saighdearan dearga dìon bhon chathadh agus thug iad ionnsaigh air cloinn Mhic Iain fhad 's a bha iad nan cadal. Chaidh 38 duine a mharbhadh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gleann Comhainn

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

1870an

Gleann Comhainn; glinn; Clann 'ic Iain; Dòmhnallaich; cinnidhean; Murt Ghleann Comhainn; beanntan; sreap; Urras Nàiseanta na h-Alba

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Tha deich mìle de dh'fhaid ann an Gleann Comhainn a tha a' ruith eadar Loch Lìobhain agus Mòinteach Rainich. Tha e ainmeil a thaobh creag-eòlais agus lus-eòlais agus cheannaich Urras Nàiseanta na h-Alba e ann an 1930. Tha druim Aonach Eagach, air taobh tuath a' ghlinne, ainmeil mar an t-àite sreap as duilghe air tìr-mòr na h-Alba. Tha Bidean nam Bian air an taobh ìseal a deas agus Buachaille Eite Bheag, a tha a' ruighinn air ais gu Gleann Eite, agus Buachaille Eite Mhòir air an taobh uachdrach a deas. Tha luchd-sreap agus luchd-coiseachd nam beann glè dhèidheil air an sgìre seo. <br /> <br /> Tha an gleann ainmeil cuideachd air sgàth Murt Ghlinne Comhainn. Ann an 1692 chuir an Riaghaltas saighdearan dearga fo cheannard Caimbeulach dhan ghleann a mharbhadh Clann Iain Ghlinne Comhainn. Bha iad airson eisimpleir a dhèanamh de Chlann Mhic Iain a chionn 's nach tug iad bòid dìlseachd do dh' Uilleam III. Fhuair na saighdearan dearga dìon bhon chathadh agus thug iad ionnsaigh air cloinn Mhic Iain fhad 's a bha iad nan cadal. Chaidh 38 duine a mharbhadh. <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie