Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cailean Caimbeul, Morair Chluaidh
EXTERNAL ID
QZP40_159_408
DEIT
1875
LINN
1870an
CRUTHADAIR
H W Phillips & W Holl
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30953
KEYWORDS
Cailean Caimbeul
Morair Chluaidh
batailean
Rèiseamaidean Gàidhealach
feachdan
'Thin Red Line'
Colin Campbell, Lord Clyde

B' e Cailean Caimbeul, Morair Chluaidh (1792-1863) mac Chailein MacIomhair, saor à Glaschu, agus Agnes Chaimbeul às eilean Ìle. Thug bràthair a mhàthar, Còirneal Iain Caimbeul e a choinneachadh Diùc Iorc, agus mar sin fhuair e a-steach dhan arm. Chaidh e an toiseach a Phortugal, agus an uairsin a shabaid ann an Ameireagaidh, an Demaràra, an Sìona agus 'sna h-Innseachan.

Bha Cailean Caimbeul air ceann an 93mh Rèisimeid Ghàidhealach de shaighdearan Earra-ghàidheil agus Chataibh aig Blàr Bhalaclàbha (1854) ann an Cogadh a' Chrimea. Chuir e na saighdearan aige nan dà shreath fhada an àite sa cheàrnaig àbhaisteach, agus le bhith a' losgadh gunna-peilear gun stad, chuir an 'Thin Red Line' stad air ionnsaigh nan each Ruiseanach. An dèidh sin bha e a' sabaid anns na h-Innseachan gus an tug dìth na slàinte air a dhreuchd san arm a leigeil seachad.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cailean Caimbeul, Morair Chluaidh

1870an

Cailean Caimbeul; Morair Chluaidh; batailean; Rèiseamaidean Gàidhealach; feachdan; 'Thin Red Line'

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Cailean Caimbeul, Morair Chluaidh (1792-1863) mac Chailein MacIomhair, saor à Glaschu, agus Agnes Chaimbeul às eilean Ìle. Thug bràthair a mhàthar, Còirneal Iain Caimbeul e a choinneachadh Diùc Iorc, agus mar sin fhuair e a-steach dhan arm. Chaidh e an toiseach a Phortugal, agus an uairsin a shabaid ann an Ameireagaidh, an Demaràra, an Sìona agus 'sna h-Innseachan.<br /> <br /> Bha Cailean Caimbeul air ceann an 93mh Rèisimeid Ghàidhealach de shaighdearan Earra-ghàidheil agus Chataibh aig Blàr Bhalaclàbha (1854) ann an Cogadh a' Chrimea. Chuir e na saighdearan aige nan dà shreath fhada an àite sa cheàrnaig àbhaisteach, agus le bhith a' losgadh gunna-peilear gun stad, chuir an 'Thin Red Line' stad air ionnsaigh nan each Ruiseanach. An dèidh sin bha e a' sabaid anns na h-Innseachan gus an tug dìth na slàinte air a dhreuchd san arm a leigeil seachad.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie