Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Nis aig deireadh an t-17mh linn
EXTERNAL ID
QZP40_159_456
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30954
KEYWORDS
Inbhir Nis
bailtean
cathair-bhaile
blàir
prìomh bhailtean
Burgh Rìoghail
Cuil Lodair
Mac Bheatha
Na Seumasaich
togalaichean
eaglaisean
cathair-eaglaisean
aibhnichean
lochan
Canàl a' Chaledoniach
canàlan
Inverness at the end of the 17th century

Tha Inbhir Nis aig ceann a' Ghlinn Mhòir air bruaich Abhainn Nis. Thathas gu tric a' bruidhinn air mar phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Chaidh a stèidheachadh mar Bhaile Mòr no Burgh Rìoghail ann an 1158 leis an Rìgh Daibhidh. Tha ceanglaichean aig a' bhaile ri MacBheatha a thog caisteal an seo. Ann an 1303 bha saighdearan a' fuireach agus a' riaghladh anns a' bhaile agus an dèidh sin fhuair luchd-taic Raibeirt Brus seilbh air. Ann an 1508 ghabh Iarla Hunndaidh am baile thairis aig àm a' Cheannairc Ghlòrmhoir ann an 1688.

Bho dheireadh an t-17mh linn nuair a chaidh an dealbh-shnaidhte seo a dhèanamh, bha iomadh tachartas sa bhaile. Chunnaic am baile Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745, a thàinig gu ceann am Blàr Chùil Lodair ann an 1746.; cuideachd mar a thàinig Canàl a' Chaledonian ann an 1822; cuideachd an aon choinneamh riamh de Chaibineat Bhreatainn taobh a-muigh baile Lunnainn. Thachair seo ann an Taigh a' Bhaile ann an 1921 nuair a bhris Eirinn air falbh bhon Rìgh agus bhon Impireachd fhad 's a bha Lloyd George air làithean-saora ann an Ros an Iar.

Air sgàth gun robh uimhir de dh'eachdraidh bhrùideil Alba timcheall air a' bhaile, chan eil mòran thogalaichean air fhàgail aig a bheil eachdraidh ainmeil ach a-mhàin an t-Seann Àrd Eaglais. Chaidh a'chuid as motha de dh'ailtireachd a' bhaile a thogail san 19mh linn.

Bha Inbhir Nis ainmeil uaireigin nach robh e na Chathair-baile a chionn 's nach robh stìoball air a' chathair-eaglais. Ach chaidh seo a chur ceart sa bhliadhna 2000 nuair a fhuair e, an cois dà bhaile mòr eile nam Mìle-bliadhna, inbhe cathair-baile.

Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Inbhir Nis aig deireadh an t-17mh linn

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an

Inbhir Nis; bailtean; cathair-bhaile;blàir; prìomh bhailtean; Burgh Rìoghail; Cuil Lodair; Mac Bheatha; Na Seumasaich; togalaichean; eaglaisean; cathair-eaglaisean; aibhnichean; lochan; Canàl a' Chaledoniach; canàlan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)