Ùrachadh mu Dheireadh 27/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
James Stuart. The Chevalier de St George. The Old Pretender

B' e Seumas Frangan Eideard Stiùbhart (1688-1766) mac Sheumais II Bhreatainn. Mar Chaitligeach, chaidh an crùn a thoirt bhuaithe aig àm 'a' Cheannairc Ghlòrmhoir' ann an 1688. Theich an teaghlach dhan Fhraing, agus nuair a bhàsaich athair ann an 1701 b' ann ri Seumas Òg a bhathas a' coimhead gus adhbhar nan Seumasach a chumail a' dol. Bhathas ga fhaicinn gu h-oifigeil anns an Fhraing mar Rìgh Seumas III Bhreatainn. Ann an 1714 b'ann air fear Hanòbhair, Seòras I, a thàinig crùn Bhreatainn. Seach nach robh mòran aig duine mu dheidhinn, chuir na Seumasaich romhpa gum feuchadh iad aon uair eile air crùn Bhreatainn a chosnadh air ais dha na rìghrean Stiùbhartach. B' e Morair Mhàr a bha air ceann aramach nan Seumasach ann an 1715. Cha b' e ceannard làidir a bh' ann agus cha robh e seòlta ann am blàr agus a bharrachd air sin cha robh cinnt sam bith ann cò bhuannaich am blàr cudromach aig Sliabh an t-Siorraim. Cha do ràinig Seumas Stiùbhart fearann Alba gus an robh Blàr Sliabh an-t-Siorraim seachad, agus bha e an uairsin ro fhadalach gus an aramach a chumail a' dol. Cha do thill Seumas Stiùbhart riamh a dh' Alba an dèidh 1715 agus bha na Seumasaich a' cur an earbsa na mhac Teàrlach Eideard Stiùbhart (an Tagraiche Òg).

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1', deasaichte le John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Stiùbhart . Chevalier de St George. An Seann Tagraiche (Pretender)

1870an

Seumas Stiùbhart; An SeannTagraiche; Na Seumasaich; Na Stiùbhartaich; Crùn na h-Alba; Seumas II; Seumas VII; Morair Mhàr; Teàrlach Eideard Stiùbhart; An Tagraiche Òg; blàir; Sliabh an t-Siorraim;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e Seumas Frangan Eideard Stiùbhart (1688-1766) mac Sheumais II Bhreatainn. Mar Chaitligeach, chaidh an crùn a thoirt bhuaithe aig àm 'a' Cheannairc Ghlòrmhoir' ann an 1688. Theich an teaghlach dhan Fhraing, agus nuair a bhàsaich athair ann an 1701 b' ann ri Seumas Òg a bhathas a' coimhead gus adhbhar nan Seumasach a chumail a' dol. Bhathas ga fhaicinn gu h-oifigeil anns an Fhraing mar Rìgh Seumas III Bhreatainn. Ann an 1714 b'ann air fear Hanòbhair, Seòras I, a thàinig crùn Bhreatainn. Seach nach robh mòran aig duine mu dheidhinn, chuir na Seumasaich romhpa gum feuchadh iad aon uair eile air crùn Bhreatainn a chosnadh air ais dha na rìghrean Stiùbhartach. B' e Morair Mhàr a bha air ceann aramach nan Seumasach ann an 1715. Cha b' e ceannard làidir a bh' ann agus cha robh e seòlta ann am blàr agus a bharrachd air sin cha robh cinnt sam bith ann cò bhuannaich am blàr cudromach aig Sliabh an t-Siorraim. Cha do ràinig Seumas Stiùbhart fearann Alba gus an robh Blàr Sliabh an-t-Siorraim seachad, agus bha e an uairsin ro fhadalach gus an aramach a chumail a' dol. Cha do thill Seumas Stiùbhart riamh a dh' Alba an dèidh 1715 agus bha na Seumasaich a' cur an earbsa na mhac Teàrlach Eideard Stiùbhart (an Tagraiche Òg). <br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1', deasaichte le John S. Keltie