Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seanalair Wade
EXTERNAL ID
QZP40_159_491
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30960
KEYWORDS
Seanalair Wade
rathaidean
còmhdhail
Na Seumasaich
am Freacadan Dubh
Rathaidean an airm
West Highland Way
Lieutenant General Wade

Bha e follaiseach do Sheanalair Wade (1673-1748) gun robh feum air dòighean conaltraidh leithid rathaidean ùra airson cur às do thaic dha nn Seumasaich. Chaidh fhastadh an dèidh aimhreit nan Seumasach ann an 1715 airson rathaidean cruaidh agus drochaidean a thogail dhan arm.
Eadar 1724 agus 1740, chaidh 240 mìle de rathaidean agus 40 drochaid a thogail a' ceangal Peairt, An Gearastan, Cill Chuimein agus Inbhir Nis. Bhon thug e ùine a' beachdachadh air an t-slighe a b' fheàrr gus an leanadh e cumadh na talmhainn gu nàdarra, tha na rathaidean sin fhathast gan cleachdadh an-diugh le luchd coiseachd agus luchd bhaidhsagal nam beanntan. Ann an àiteachan eile chaidh na rathaideanfhèin an togail as ùr. Tha pìosan mòra dhen t-slighe choiseachd ainmeil "An West Highland Way" a' leanntainn rathaidean Seanalair Wade.

Ann an 1724 mhol Seanalair Wade dhan riaghaltas gum bu chòir saighdearan na Gàidhealtachd a bhith air am fastadh fo oifigear aig an robh a' Ghàidhlig agus ri linn sin thàinig spionnadh as ùr anns an Fhreiceadan Dhubh. Ann an 1742 chaidh Wade a dhèanamh na Chomhairleach Dìomhair agus na iar-cheannard anns an arm. Chaidh a dhèanamh na fheachd-mharasgal ann an 1743.

Chaidh an dealbh seo a thoirt bho 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le. by John S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seanalair Wade

1870an

Seanalair Wade; rathaidean; còmhdhail; Na Seumasaich; am Freacadan Dubh; Rathaidean an airm; West Highland Way

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)