Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Major General Sir Archibald Campbell, Bart., KCB

Gilleasbaig Caimbeul Inbhir Nèilll (1739-1791). Bha e a' sabaid ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna, san Aramach an Ameireagaidh agus anns na h-Innseachan, ach tha a sheirbheis na shaighdear chliùiteach air a dhol air dìochuimhne, cha mhòr. An dèidh Cogadh na Saorsa an Ameireagadh chaidh Gilleasbaig a chur ann na Fho-cheannard aig Riaghladair Jamaica ann an 1781 agus na Riaghladair am Madras ann an 1785. Leig e seachad a dhreuchd mar Riaghladair air Madras ann an 1787 agus anns an aon bhliadhna chaidh ainmeachadh mar Chòirneal air a' 74mh Rèiseamaid Coise, aon de na ceithir rèiseamaidean ùra a chaidh an togail airson seirbheis anns na h-Innseachan.

Thill Gilleasbaig Caimbeul a Bhreatainn ann an 1789 ach bha a bhliadhnaichean anns na h-Innseachan air buaidh a thoirt air a shlàinte agus bhàsaich e ann an 1791.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Màidsear Seanalair Sir Gilleasbaig Caimbeul, Bart., KCB

1870an

Gilleasbaig Caimbeul Inbhir Neill; Cogadh nan Seachd Bliadhna; Cogadh Saorsa Ameireagaidh; na h-Innseachan; 74mh Rèiseamaid Coise; riaghladairean; Jamaica; Madras; Rèiseamaidean Gàidhealach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Gilleasbaig Caimbeul Inbhir Nèilll (1739-1791). Bha e a' sabaid ann an Cogadh nan Seachd Bliadhna, san Aramach an Ameireagaidh agus anns na h-Innseachan, ach tha a sheirbheis na shaighdear chliùiteach air a dhol air dìochuimhne, cha mhòr. An dèidh Cogadh na Saorsa an Ameireagadh chaidh Gilleasbaig a chur ann na Fho-cheannard aig Riaghladair Jamaica ann an 1781 agus na Riaghladair am Madras ann an 1785. Leig e seachad a dhreuchd mar Riaghladair air Madras ann an 1787 agus anns an aon bhliadhna chaidh ainmeachadh mar Chòirneal air a' 74mh Rèiseamaid Coise, aon de na ceithir rèiseamaidean ùra a chaidh an togail airson seirbheis anns na h-Innseachan.<br /> <br /> Thill Gilleasbaig Caimbeul a Bhreatainn ann an 1789 ach bha a bhliadhnaichean anns na h-Innseachan air buaidh a thoirt air a shlàinte agus bhàsaich e ann an 1791.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie