Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uilleam Diùc Chumberland
EXTERNAL ID
QZP40_159_632
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
J Le Conte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30966
KEYWORDS
Diùc Chumberland
Cùil lodair
blàir
Seumasaich
Am Prionnsa Teàrlach
siostam nan cinnidhean
Uilleam Augustus Hanabhair
airm
William, Duke of Cumberland

B'e an dàrna mac aig an Dara Rìgh Deòrsa a bh'ann an Uilleam Augustus Hanabhair, Diùc Chumberland (1721-1765). Rinneadh Diùc Chumberland dheth ann an 1726 ach bha tiotalan eile aige cuideachd leithid Marquis Berkhamstead, Iarla Kennington, Viscount Trematon agus Baron Alderney. Chaidh a chur a dh' Alba airson casg a chur air Aramach '45 nan Seumasach. Air an t-16mh dhen Ghiblean 1745 chuir arm Chumberland an aghaidh air feachdan nan Seumasach aig Cùil lodair. Bha am blàr seachad an taobh a-staigh de dh' uair a thìde agus na Seumasaich air an ruaigeadh. B'ann aig Cùil lodair a chriochnaich gach cothrom a bh' aig na Stiùbhartaich gus faighinn chun an rìgh-chathair.

As dèidh a' bhlàir b'e òrdain Diùc Chumberland 'no quarter given' (gun tròcair sam bith a shealltainn). Thathar a' ràdh gun robh seo sgrìobhte air cùl cairt-cluiche 9 nan daoimean ris an canaiste fhathast "mallachd na h-Alba". Bhathar an tòir air na Seumasaich agus chaidh na bha air an leòn an cur gu bàs, chaidh dachannan an losgadh agus chaidh ruaig a chur air an sprèidh. Choisinn seo am far-ainm 'Bùidsear Chumberland' dhan Diùc.

Mean air mhean thòisich Cumberland air cur às do shiostam nan cinnidhean agus dòigh beatha na Gàidhealtachd. Thainig an dreuchd aige san arm gu crìch mhaslaich nuair a ghèill e dha na Frangaich rè Cogadh nan Seachd Bliadhna agus bhàsaich e le cleideag eanchainn ann an 1765.

Tha an dealbh seo air a toirt bho "A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments" leabhar 1 , le Iain S. Keltie, n-d

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uilleam Diùc Chumberland

1870an

Diùc Chumberland; Cùil lodair; blàir; Seumasaich; Am Prionnsa Teàrlach; siostam nan cinnidhean; Uilleam Augustus Hanabhair; airm

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)