Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Fo-cheannard Alasdair MacCoinnich Friseal
EXTERNAL ID
QZP40_159_642
DEIT
1877
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30968
KEYWORDS
MacChoinnich
Friseal
Màidsear Seanalair
feachdan
Rèiseamaidean Gàidhealach
oifigearan
Na Sìophortaich
Lieutenant General Alexander Mackenzie Fraser

Bha beatha cliùiteach san arm aig an Fho-cheannard Seanalair Alasdair MacCoinnich Friseal (1758-1809). Rugadh e mar Alasdair Òg MacCoinnich à Cuil Challaidh. Chaidh a choimiseanadh an toiseach anns na 73mh Gàidheil aig a' Mhorar MacLeòid ann an 1778 agus ghabh e pàirt ann an ionnsaigh Gibraltar, far an deach a ghoirteachadh ann an 1782. Phòs e Eilidh NicCoinnich (à teaghlach Shìophoirt) agus nuair a thog bràthair a chèilidh an Còrnaileir Francis Humberston MacCoinnich à Sìophort na 78mh Gàidheil ann an 1793, b' e Alasdair MacCoinnich a' chiad Fho-cheannard Còrnaileir a bh' orra. Bha e an ceann an 78mh rè a' chiad turais ghnìomhaich aca don Òlaind ann an 1794-95. Mar Mhàidsear Seanalair, bha e an ceann turais don Èipheit ann an 1807, agus mar Fho-cheannard Seanalair, bha e an ceann earrainn fo Shir Iain Moore sa Phortagail, agus ann an Corunna ann an 1809. Ghlac e fiabhras Walcheren anns an Òlaind ann an 1809 agus chaochail e air an t-slighe air ais a Lunnainn. Mar oighre teaghlach a mhàthar, Frisealan Inbhir Aileachaidh, ghabh e an sloinneadh Friseal air fhèin cuideachd ach chaochail e mus d'fhuair e oighreachd Caisteal nam Frisealach.

Nochd an dealbh seo san leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans, and Highland Regiments' le Iain S Keltie, a chaidh fhoillseachadh ann an 1877. Tha deagh dhealbh eile dheth le Sir Eanraig Raeburn ri fhaicinn ann an Caisteal nam Frisealach.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fo-cheannard Alasdair MacCoinnich Friseal

1870an

MacChoinnich; Friseal ; Màidsear Seanalair; feachdan; Rèiseamaidean Gàidhealach; oifigearan; Na Sìophortaich;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Bha beatha cliùiteach san arm aig an Fho-cheannard Seanalair Alasdair MacCoinnich Friseal (1758-1809). Rugadh e mar Alasdair Òg MacCoinnich à Cuil Challaidh. Chaidh a choimiseanadh an toiseach anns na 73mh Gàidheil aig a' Mhorar MacLeòid ann an 1778 agus ghabh e pàirt ann an ionnsaigh Gibraltar, far an deach a ghoirteachadh ann an 1782. Phòs e Eilidh NicCoinnich (à teaghlach Shìophoirt) agus nuair a thog bràthair a chèilidh an Còrnaileir Francis Humberston MacCoinnich à Sìophort na 78mh Gàidheil ann an 1793, b' e Alasdair MacCoinnich a' chiad Fho-cheannard Còrnaileir a bh' orra. Bha e an ceann an 78mh rè a' chiad turais ghnìomhaich aca don Òlaind ann an 1794-95. Mar Mhàidsear Seanalair, bha e an ceann turais don Èipheit ann an 1807, agus mar Fho-cheannard Seanalair, bha e an ceann earrainn fo Shir Iain Moore sa Phortagail, agus ann an Corunna ann an 1809. Ghlac e fiabhras Walcheren anns an Òlaind ann an 1809 agus chaochail e air an t-slighe air ais a Lunnainn. Mar oighre teaghlach a mhàthar, Frisealan Inbhir Aileachaidh, ghabh e an sloinneadh Friseal air fhèin cuideachd ach chaochail e mus d'fhuair e oighreachd Caisteal nam Frisealach. <br /> <br /> Nochd an dealbh seo san leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans, and Highland Regiments' le Iain S Keltie, a chaidh fhoillseachadh ann an 1877. Tha deagh dhealbh eile dheth le Sir Eanraig Raeburn ri fhaicinn ann an Caisteal nam Frisealach. <br /> <br /> (Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).