Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Bhlàir ann an 1745-46 mus deach a leagail às a chèile
EXTERNAL ID
QZP40_159_643
ÀITE
Caisteal Bhlàir
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30969
KEYWORDS
Caisteal Bhlàir
caistealan
Diùcan Athaill
Athall
Gàidheil Athaill
airm
Na Seumasaich
Iarla Seòras Moireach
Blair Castle in 1745-46 before being dismantled

Tha Caisteal Bhlàir air a bhith na dhachaigh aig Iarlan agus Diùcan Athaill fad còrr is seachd lìnntean. Tha an t-àite far a bheil an Caisteal mar gheata gu beanntan nam Monaidhean agus chun na slighe tuath a dh'Inbhir Nis. Ann an 1740 thòisich an dara Diùc ag obair air a' chaisteal gus am biodh e air ùr-dheànamh cho spaideil ri taigh mòr ri lìnn Rìgh Sheòrais. Stad an obair ann an 1745 aig àm aramach nan Seumasach, nuair a ghabh feachdan an riaghaltais thairis e greis. Thug am Morair Seòras Moireach, bràthair an dara Diùc, ionnsaigh air agus chuir e seachd bàllaichean-canain tro mhullach an taighe.

Aig deireadh an aramach chum an t-ailtire Seumas Winter air a' dèanamh taigh mòr spaideil dhen chaisteal, a' toirt air falbh nan tùr agus nan daingneachdan agus a' togail shimilearan agus mullaichean ùra nan àite.

'S e seo far a bheil Gàidheil Athaill stèidhichte, an aon arm prìobhaideach a tha air fhàgail san Roinn Eòrpa. Chaidh a' chuid as motha de na saighdearan a thaghadh bho oighreachd Athaill agus tha iad nam buidheann dìon-cuirp prìobhaideach a chithear aig amannan foirmeil.

Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Bhlàir ann an 1745-46 mus deach a leagail às a chèile

PEAIRT: Blàr Athall

1870an

Caisteal Bhlàir; caistealan; Diùcan Athaill; Athall; Gàidheil Athaill; airm; Na Seumasaich; Iarla Seòras Moireach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)