Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seann Taigh Chùil Lodair
EXTERNAL ID
QZP40_159_657
ÀITE
Taigh Chùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30970
KEYWORDS
Taigh Chùil Lodair
Cuil Lodair
teaghlach Foirbeis
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Alasdair Stiùbhart
Madadh Bhàideanach
taighean
oighreachdan
Old Culloden House

Chaidh taigh air oighreachd Chùil Lodair a chlàradh airson a' chiad uair ann an 1323. Ro dheireadh a' 14mh linn bha e aig Alasdair Stiùbhart, fear air an robh am far-ainm 'Madadh-allaidh Bhàideanaich', am mac a b' òige aig Raibeirt II. Bha na h-oighreachdan aig teaghlach Edmundson, aig teaghlach Strachain agus aig ceannard Chlann an Tòisich, mus do cheannaich teaghlach Fhoirbeis e ann an 1576. B' e teaghlach Pròsdanach Clèireach dìleas a bha annta agus air sgàth sin chreach na Seumasaich an oighreachd ann an 1688. Ann an 1746 ghabh am Priònnsa Teàrlach thairis an taigh, agus sin far an robh e a' fuireach agus far an do rinn e oifis-blàir sna làithean ro Chùil Lodair.

Tha Donnchadh Foirbeis, Morair Chùil Lodair (1685-1747), a' sgrìobhadh gu caraid ag ìnnse mar a dh'fhàg am Prionnsa agus a luchd-frithealaidh a h-uile rud san taigh gun bhriseadh, ach gun deach mòran cron a dhèanamh do rudan mun cuairt, mar chrodh is stòran arbhair, leis an dà chuid, na Seumasaich agus muinntir Hanòbhair. Tha mion fhios den chosgais sin air a thoirt seachad ann am 'More Culloden Papers' a bha deasaichte le Donnchadh Warrand.

Chaidh an taigh a th'ann an-diugh a thogail eadar 1772 agus 1788 san àite far an robh an taigh a tha san dealbh, agus 's e taigh-òsta a th' ann.

Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seann Taigh Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1870an

Taigh Chùil Lodair; Cuil Lodair; teaghlach Foirbeis; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Alasdair Stiùbhart; Madadh Bhàideanach; taighean; oighreachdan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)