Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Morair Seòras Moireach
EXTERNAL ID
QZP40_159_672
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30971
KEYWORDS
Morair Seòras Moireach
Teàrlach Eideart Stiùbhairt
Na Seumasaich
airm
batail
blàir
Diùc Athaill
Cuil Lodair

ceannardan
Lord George Murray

B' e Morair Seòras Moireach (1694-1760) mac Iain Mhoirich, a' chiad Diùc Athaill. Bha e anns an armach ann an 1715 agus anns a' bhlàr aig Loch Seile ann an 1719. An dèidh sin theich e dhan Roinn Eòrpa. Fhuair e maitheanas bho bhràthair, an dara Diùc Athaill, a bha dìleas dhan riaghaltas. Bha am Morair dhen bheachd nach biodh aramach 1745 soirbheachail ach a dh'aindeoin sin b' e fear dhe na ceannardan a b'èifeachdaiche a bh' aig a' Phrionnsa.

An uair a theich iad à Dàrbaidh gu tuath, thug e ionnsaigh air taigh a bhràthar, Caisteal Bhlàir, fhad 's a bha feachdan an riaghaltais a' fuireach ann agus chuir e seachd bàlaichean-canain tro mhullach an taighe. Bha am Morair Seòras mì-thoilichte mun dòigh anns an deach an t-arm a chur an sàs ann am Blàr Chùil Lodair, agus an dèidh dha teiche air ais gu Gearasdan Ruadhainn leig e seachad inbhe san arm agus dh'fhuirich e gus an tigeadh òrdaighean ùra. Nuair a chuala e gun robh am Prionnsa a' dol air ais dhan Fhraing, dh' fheuch e ri toirt air fuireach, ach dh'fhairtlich air sin a dhèanamh. Fhuair e a-mach à Breatainn agus dh'fhalbh e dhan Òlaind far an do bhàsaich e ann an 1760. B' e a mhac an treas Diùc Athaill.

Chaidh an dealbh a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Morair Seòras Moireach

1870an

Morair Seòras Moireach; Teàrlach Eideart Stiùbhairt; Na Seumasaich; airm; batail; blàir; Diùc Athaill; Cuil Lodair;
ceannardan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)