Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Flòraidh NicDhòmhnaill
EXTERNAL ID
QZP40_159_690
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Paterson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30973
KEYWORDS
Flòraidh NicDhòmhnaill
Am Prionnsa Teàrlach
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Cùil Lodair
eilthireachd
airm
Flora MacDonald

Rugadh Floraidh NicDhòmhnaill (1722-1790) ann an Uibhist a Deas ann an 1722. Bha a h-athair agus am fear a bha i a' dol a phòsadh nan saighdearan ann an arm an riaghaltais aig àm aramach nan Seumasach ann an 1745. Cha robh taobh sam bith aice ri na Seumasaich. Ach a dh' aindeoin sin thug i cuideachadh dhan Phrionnsa gus am faigheadh e air ais dhan Fhraing an dèidh Blàr Chùil Lodair.Thug Flòraidh aodach boireannaich dhan Phrionnsa, agus dh'iomair i e ann am bàta beag à Beinn a' Bhaoghla gu ruige Port Rìgh san Eilean Sgitheanach, far am faigheadh e cothrom tilleadh dhan Fhraing.

An dèidh sin phòs Flòraidh fear dhen ainm Ailean Dòmhnallach agus chaidh iad fhèin 's an cuid chloinne air eilthireachd a Charolina a Tuath, far an do chuidich iad le bhith a' cruinneachadh Albannaich a dheaghadh a shabaid air taobh Bhreatainn ann an Cogadh na Saorsa ann an Aimeireagaidh. Thàinig air an teaghlach gluasad gu Alba Nuadh nuair a chaill Breatainn an cogadh.

Thill Flòraidh dhan Eilean Sgitheanach ann an 1779 agus tha Iiair a tiodhlaigeadh faisg air Cille Mhoire.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Flòraidh NicDhòmhnaill

1870an

Flòraidh NicDhòmhnaill; Am Prionnsa Teàrlach; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Cùil Lodair; eilthireachd; airm

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)