Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Arcaig, Achadh na Cairidh, dachaigh Camshron Loch Iall
EXTERNAL ID
QZP40_159_709
ÀITE
Loch Arcaig
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
DEIT
1874
LINN
1870an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30974
KEYWORDS
Loch Arcaig
lochan
Ach na Cairidh
Caisteal Ach na Cairidh
caistealan
Camshron Loch Iall
Camshronaich
cinnidhean
Na Seumasaich
òr
commandos
Loch Arkaig. Achnacarry, seat of Cameron of Lochiel, in middle distance

Tha Loch Arcaig 10 mìle (16clm) tuath air a' Ghearasdan, a' laighe bhon ear gun iar fad 12 mìle (19clm) an iar air Loch Lòchaidh. Aig ceann an ear na locha tha Achadh na Cairidh agus air a' cheann an iar tha An Srathan.

'S e Achadh na Cairidh dachaigh ceann cinnidh Chamshron Loch Iall bho mheadhan an t-17mh linn. Thog Eòghann Camshron Loch Iall seann Chaisteal Achadh na Càiridh ann an 1665 ach chaidh a leagail le feachd Diùc Chumberland ann an 1746 a chionns gun robh làmh aig Dòmhnall Chamshron Loch Iall ann an aramach nan Seumasach. Chaidh an teaghlach fhògradh ach thill iad ann an 1784 agus thog iad taigh mòr ùr ann an 1805.

Chaidh Caisteal Achadh na Cairidh a chleachdadh airson na Commandos a thrèanadh eadar 1942-45. Tha e air aithris gun deach òr às an Fhraing a thoirt air tìr ann an Arasaig airson taic a thoirt do dh'aramach nan Seumasach. Chaidh an t-òr a thiodhlacadh faisg air Loch Arcaig, tha e coltach, agus cha deach a lorg riamh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Arcaig, Achadh na Cairidh, dachaigh Camshron Loch Iall

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

1870an

Loch Arcaig; lochan; Ach na Cairidh; Caisteal Ach na Cairidh; caistealan; Camshron Loch Iall; Camshronaich; cinnidhean; Na Seumasaich; òr; commandos

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)