Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
The Marquis of Lorne and Princess Louise

Phòs Marcais Latharna (1845-1914), a bha a-rithist na 9mh Diùc Earra-ghàidheil, a' bhana-phrionnsa Louise (1848-1939), an ceathramh nighean aig Ban-rìgh Bhioctoria. Bha am pòsadh neo-àbhaisteach ann am Breatainn, far am biodh nighean rìgh no ban-rìgh mar bu tric a' pòsadh duine à teaghlach rìoghail eile.

Aig a' bhanais ann an 1871 b' e na 91mh Saighdearan Earra-ghàidheil a rinn an Geàrd Onoir. Ann an 1872 rinneadh Louise na h-Àrd-chòirneal aig an 91mh agus fhuair iad an t-ainm Saighdearan Earra-ghàidheil na Bana-phrionnsa Louise. Fhuair Marcais Latharna tiotal an 9mh Diùc Earra-ghàidheil ann an 1900 ach cha d' fhuair e fhèin agus Louise teaghlach a riamh agus s' e mac a bhràthar a fhuair an tiotal an dèidh a bhàis ann an 1914.

An deidh a bhàis b'fheàrr le Louise a bhith a staigh na h-aonar, ach ghabh i ri tiotal Àrd-chòirneal Saighdearan Chataibh ann an 1919 agus bhiodh i an làthair aig tachartasan carthanta. Bhàsaich i aig aois 91 ann an 1939, an tè a b' fhàide beò de chlann Bhioctoria.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Marcais Latharna agus a' bhana-phrionnsa Louise

1870an

Bànrigh Bhictoria; Bana phrionnsa Louise ; Marcais Latharna; Diùc Earra Ghaidheil; Rèiseamaidean Gàidhealach: 91mh Saighdearan Earra Ghàidheil; Saighdearan Chataibh; feachdan; airm; uachdarain; an teaghlach rìoghail; teaghlaichean

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)