Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sìm, am Morair Mac Shimidh
EXTERNAL ID
QZP40_159_734
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
William Hogarth
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30977
KEYWORDS
Morair Mac Shimidh
Sìm Friseal
morairean
Na Seumasaich
Cùil Lodair
cinnidhean
cur gu bàs
Simon, Lord Lovat

Sìm Friseal, am Morair Mac Shimidh (1667-1747). Dh' fheuch Sìm Friseal ri tiotal Mhic Shimidh fhaighinn dha fhèin le bhith a' toirt air a' bhanntrach, Baintighearna Amelia NicShimidh, a phòsadh an aghaidh a toil ann an 1697. Goirid an dèidh sin theich e dhan Roinn Eòrpa far an do thionndaidh e chun a' chreideimh Chaitligich agus rinn e suas ri cùirt nan Seumasach.

A dh'aindeoin sin dh'fhuirich e air falbh bhon t-sabaid ann an aramach nan Seumasach ann an 1715. Bhon rinn e seo, agus a bha e 'dìleas' dhan chrùn, fhuair e maitheanas airson nan droch rudan a rinn e roimhe. Rinn e iomadh srì lagha gus an d'fhuair e an tiotal 11mh Mhorair Mac Shimidh mu dheireadh ann an 1733.

Chaidh e an sàs còmhla ri na Seumasaich ann an 1745 agus an dèidh Chùil Lodair chaidh a chur an grèim agus a chur fo chasaid ann an Lunnainn. Chaidh a chur gu bàs airson Àrd Bhrathadh air an 9mh dhen Ghiblean 1747 aig aois 80. B' e an duine mu dheireadh a fhuair bàs ann an Sasainn le bhith air a dhi-cheannadh. An dèidh sin thug an Crùn air falbh an oighreachd agus na tiotalan bhon teaghlach.

Chaidh an ìomhaigh seo a thoirt à dealbh le Uilleam Hogarth ann an 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sìm, am Morair Mac Shimidh

1870an

Morair Mac Shimidh; Sìm Friseal; morairean; Na Seumasaich; Cùil Lodair; cinnidhean; cur gu bàs

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)