Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Colonels of the 91st, 92nd and 93rd Highlanders

Chaidh an 91mh Saighdearan Earra-ghàidheil a chruinneachadh an toiseach ann an 1794 mar an 98mh Rèisimeid Coise (Earra-ghàidheal) agus fhuair iad àireamh eile ann an 1796 mar an 91mh Rèisimeid Coise (Earra-ghàidheal). Ann an 1872 fhuair iad an t-ainm 91mh Saighdearan Earra-ghàidheil na Bana-phrionnsa Louise. 'S e Donnchadh Caimbeul Loch nan Eala a' chiad Chòirneal a bh' air an rèisimeid eadar 1794 agus 1837.

Ann an 1794 chaidh a' 100mh Rèisimeid Coise (Gòrdain Ghàidhealach) a chruinneachadh, air an ath-aireamhachadh an 92mh Rèisimeid Coise (Gàidhealach) ann an 1798. Ann an 1861 b' iad an 92mh Rèisimeid Coise (Gòrdain Ghàidhealach). B' e Seòras, Marcais Hunndaidh, còirneal na rèisimeid eadar 1796 agus 1806.

Chaidh an 93mh Rèisimeid Coise (Gàidhealach) a thogail ann an 1799, agus thàinig iad gu bhith nan 93mh Rèisimeid Coise (Gàidheil Chataibh) ann an 1861. B' e am Màidsear Seanalair Wemyss à Wemyss a' chiad chòirneal air an 93mh eadar 1800 agus 1822, agus Sir HW Stisted na chòirneal bho 1873. Ann an 1881 thàinig Saighdearan Gàidhealach an 91mh agus an 93mh còmhla mar a' chiad Bhatàillean de Ghàidheil na Bana-phrìonnsa Louise (Earra-ghàidheil agus Chataibh).

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 2', deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Còirneil 91mh, 92mh agus 93mh Saighdearan Gàidhealach

1870an

Rèiseamaidean Gàidhealach; 91mh Saighdearan Earra Ghàidheil; 92mh Rèiseamaid Coise nan Gòrdanaich; 93mh Reiseamaid Coise de Ghàidheil Chataibh; Gàidheil Earra Ghàidheil agus Chataibh na Bana Phrìonnsa Louise; èideadh; còirneil; feachdan; airm

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)