Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
EXTERNAL ID
QZP40_159_758
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Ozias Humphrey, RA
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30983
KEYWORDS
Am Prionnsa Teàrlach
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Cùil Lodair
Na Seumasaich
Crùn na h-Alba
Flòraidh NicDhòmhnaill
Prince Charles Edward Stuart

B' e am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-1788) a' chiad mhac aig Seumas Frangan Eideard Stiùbhart. Rugadh e anns an Ròimh agus b' e ogha do Sheumas VII agus II Bhreatainn, a chaill an crùn aig àm an ar-a-mach ann an 1688.

Bha Teàrlach Eideart den bheachd gur e athair an t-oighre dligheach do Chrùn Bhreatainn. An dèidh na h-oidhirp a rinn athair ann an 1715, bha Teàrlach Eideard air ceann an aramach ann an 1745 agus e a' feuchainn ri crùn na h-Alba fhaighinn air ais dha na Seumasaich. Thòisich an t-aramach gu math agus ràinig na Seumasaich Derby ann an Sasainn mus tàinig orra tilleadh gu Gaidhealtachd na h-Alba. Chaidh feachd nan Seumasach a shabaid ri feachdan an riaghaltais air Monadh Chùil Lodair anns a' Ghiblean 1746. B' e seo am blàr mu dheireadh am Breatainn anns an robh na saighdearan a' sabaid làimh ri làimh. Cha do sheas am blàr fiù 's uair a thìde, agus leis an sin bha aramach nan Seumasach air tighinn gu crìch.

Bho nach deach an latha le na Seumasaich aig Cùil Lodair, bhathas a lorg a' Phrionnsa Theàrlaich air feadh Bhreatainn as dèidh sin. Theich e dhan Fhraing le cuideachadh bho Fhlòraidh NicDhòmhnaill. Chuir e seachad an còrr dhe bheatha mar fhògarrach anns an Ròimh agus bha nighean dhìolain aige, Charlotte, mus do phòs e Louise Maximilienne Caroline ann an 1772. Bhàsaich e le trom-inntinn agus leis an deoch anns an Ròimh ann an 1788.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart

1870an

Am Prionnsa Teàrlach; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Cùil Lodair; Na Seumasaich; Crùn na h-Alba; Flòraidh NicDhòmhnaill;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)