Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
Lieutenant Colonel John Cameron, 92nd Highlanders

Rugadh am Fo-cheannard Còrnaileir Iain Camshron ann an 1771, ogha Iain Chamshroin à Fasaidh-feàrn a bha, ann an 1745, air feuchainn ri toirt air a bhràthair, 'an Loch Iall Socharach', gun taic a chur ris a' Phrionnsa Teàrlach is ri Àr-a-mach nan Seumasach. Ann an 1794, nuair a thog Morair Hunndaidh an 100mh (a-rithist an 92mh) Rèisimeid, no Gàidheil Ghòrdain, chaidh coimisean Caiptein a thoirt air Iain Camshron òg agus thog e companaidh o oighreachdan Ghòrdain ann an Loch Abar. Ann an 1815 bha e an uair sin an ceann an 92mh, na Fho-cheannard Còrnaileir. Chaidh a leòn gu bàs aig Blàr Quatre Bras air a' chiad latha de chòmhrag Waterloo, a mhair trì làithean. Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments' le Iain S. Keltie, foillsichte ann an 1877.

(Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Fo-cheannard Còirneileir Iain Camhsron, 92mh Gàidheil

1870an

Còirneal Iain Camshron à Fasadh-feàrn; Na Camshronaich; Rèiseamaidean Gàidhealach; 92mh Gòrdain Ghàidhealach; feachdan; airm; èideadh; batailean; Quatre Bras; Waterloo; caipteanan;

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

Rugadh am Fo-cheannard Còrnaileir Iain Camshron ann an 1771, ogha Iain Chamshroin à Fasaidh-feàrn a bha, ann an 1745, air feuchainn ri toirt air a bhràthair, 'an Loch Iall Socharach', gun taic a chur ris a' Phrionnsa Teàrlach is ri Àr-a-mach nan Seumasach. Ann an 1794, nuair a thog Morair Hunndaidh an 100mh (a-rithist an 92mh) Rèisimeid, no Gàidheil Ghòrdain, chaidh coimisean Caiptein a thoirt air Iain Camshron òg agus thog e companaidh o oighreachdan Ghòrdain ann an Loch Abar. Ann an 1815 bha e an uair sin an ceann an 92mh, na Fho-cheannard Còrnaileir. Chaidh a leòn gu bàs aig Blàr Quatre Bras air a' chiad latha de chòmhrag Waterloo, a mhair trì làithean. Chaidh an dealbh seo a thoirt às an leabhar 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments' le Iain S. Keltie, foillsichte ann an 1877.<br /> <br /> (Chaidh am fiosrachadh seo a thoirt seachad le Taigh-tasgaidh Rèisimeideach nan Gàidheal, Dùn Deòrsa).