Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Mhoireil
EXTERNAL ID
QZP40_159_774
ÀITE
Baile Mhoireil
SGÌRE
Oir Dhè
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
Sam Bough & W Forrest
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30986
KEYWORDS
Ban-rìgh Bhioctoria
Baile Mhoireil
caistealan
Oir Dhè
turasachd
siubhal
àitichean-fuirich rìoghail
tartan
pìobaireachd
ceòl
litreachas
geamachan Gàidhealach
cruinneachadh Bhràigh Mhàr
Balmoral

Tha Caisteal Baile Mhoireil 8 mìltean (13 cm) an ear air Bràigh Mhàr faisg air baile Chrathaidh. Cheannaich am Prionnsa Albert e dhan Bhan-rìgh Bhioctoria ann an 1852. Phàigh e £31,500 airson 24,000 acair. San ionad sin roimhe bha taigh-tùir on t-16mh linn ach chaidh caisteal ùr a thogail dhan Bhan-rìgh leis an ailtire Uilleam Mac a' Ghobhainn à Obar Dheathainn, le dlùth thaic bhon Phrionnsa Albert. Bha a' Bhan-rìgh Bhioctoria dèidheil air a' Ghaidhealtachd agus bhiodh i an còmhnaidh a' dol gu latha mòr nan geamachan ann am Bràigh Mhàr, cleachdadh a tha fhathast aig an teaghlach Rìoghail an-diugh. Chruthaich a' Bhan-rìgh an dreuchd, Pìobaire na Ban-rìgh, an dèidh dhi fhèin agus am Prionnsa Albert tadhal air Marcais Bhràghad Albainn, aig an robh pìobaire pearsanta. B' e Aonghas MacAoidh a' chiad phìobaire a bh'aig a' Bhan-rìgh.

An deidh bàs a' Phrionnsa Albert ann an 1861, dh' fhuirich a' Bhan-rìgh aig Baile Mhoireil iomadh mìos am falach bho dhaoine. B' ann ri linn Bhioctoria a fhuair a' Ghaidhealtachd ìomhaigh Romansach. Dh'fhàs ùidh mhòr am measg dhaoine ann an turasachd, ann an tartan, ceòl agus sgrìobhadh. Bha na nobhailean aig Sir Bhàtair Scott gu h-àraidh air an leughadh agus bha e fasanta a dhol gu na geamachan Gàidhealach seach gun robh an teaghlach rìoghail a' dol ann.

Thàlaidh spèis Bhioctoria dhan àite iomadh duine air thuras dhan Ghaidhealtachd.

Chaidh an dealbh seo a thoirt às 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments vol. 1' deasaichte le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Mhoireil

1870an

Ban-rìgh Bhioctoria; Baile Mhoireil; caistealan; Oir Dhè; turasachd; siubhal; àitichean-fuirich rìoghail; tartan; pìobaireachd; ceòl; litreachas; geamachan Gàidhealach; cruinneachadh Bhràigh Mhàr

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)