Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart
EXTERNAL ID
QZP40_159_INNERPLATE
DEIT
1874
LINN
1870an
CRUTHADAIR
W Holl
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
30990
KEYWORDS
am Prionnsa Teàrlach
Teàrlach Eideard Stiùbhart
Cùil lodair
Seumasaich
Crùn na h-Alba
Fionnaghal NicDhòmhnaill
Prince Charles Edward Stuart

B' e a' chiad mhac aig Seumais Frangan Stiùbhart, an t-Seann Tagraiche, a bha sa Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-1788). Rugadh e san Ròimh, ogha Sheumais VII agus II Bhreatainn a bha air a chur às rè an 'Aramach Ghlòrmhoir' ann an 1688. Bha Teàrlach Eideard den bheachd gur e athair an t-oighre dligheach air rìgh-chathair Bhreatainn. As dèidh fàilligeadh Aramach nan Seumasach ann an 1715 san robh athair an sàs, thug Teàrlach Eideard, am 'Prionnsa Bòidheach', air adhart Aramach nan Seumasach ann an 1745 's e a' feuchainn ris an rìgh-chathair fhaighinn air ais. Thòisich an t-Aramach gu math agus ràinig na Seumasaich Derby ann an Sasainn mus do rinn iad raitreut don Ghaidhealtachd. Choinnich arm nan Seumasach agus arm an riaghaltais air monadh Chùil Lodair sa Ghiblean 1746. Bha an t-àrd chath mu dheireadh a bha air talamh Bhreatainn seachad an taobh a-staigh uair a thìde, agus thàinig Aramach nan Seumasach gu crìch. As dèidh dhan Aramach fàilligeadh b' e am Prionnsa Teàrlach an duine air an robh an tòir a bu mhotha ann am Breatainn ach chaidh aige air teiche dhan Fhraing le cuideachadh bho Fhionnaghal NicDhòmhnaill. Chaith e an còrr dhe bheatha na fhògarrach anns an Ròimh, agus bha nighean dhìolain aige air an robh Teàrlag, mus do phòs e Louise Maximilienne Caroline ann an 1772. Bhàsaich e san Ròimh ann an 1788.

'S e leth-bhreac de dheilbh bhig a bha aig Dòmhnall Camshron Loch Iall a tha san dealbh seo. Tha an ìomhaigh cuideachd a' sealltainn duilleag aghaidh an leabhair 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments' leabhar 1, le Iain S. Keltie

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart

1870an

am Prionnsa Teàrlach; Teàrlach Eideard Stiùbhart; Cùil lodair; Seumasaich; Crùn na h-Alba; Fionnaghal NicDhòmhnaill

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)

B' e a' chiad mhac aig Seumais Frangan Stiùbhart, an t-Seann Tagraiche, a bha sa Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-1788). Rugadh e san Ròimh, ogha Sheumais VII agus II Bhreatainn a bha air a chur às rè an 'Aramach Ghlòrmhoir' ann an 1688. Bha Teàrlach Eideard den bheachd gur e athair an t-oighre dligheach air rìgh-chathair Bhreatainn. As dèidh fàilligeadh Aramach nan Seumasach ann an 1715 san robh athair an sàs, thug Teàrlach Eideard, am 'Prionnsa Bòidheach', air adhart Aramach nan Seumasach ann an 1745 's e a' feuchainn ris an rìgh-chathair fhaighinn air ais. Thòisich an t-Aramach gu math agus ràinig na Seumasaich Derby ann an Sasainn mus do rinn iad raitreut don Ghaidhealtachd. Choinnich arm nan Seumasach agus arm an riaghaltais air monadh Chùil Lodair sa Ghiblean 1746. Bha an t-àrd chath mu dheireadh a bha air talamh Bhreatainn seachad an taobh a-staigh uair a thìde, agus thàinig Aramach nan Seumasach gu crìch. As dèidh dhan Aramach fàilligeadh b' e am Prionnsa Teàrlach an duine air an robh an tòir a bu mhotha ann am Breatainn ach chaidh aige air teiche dhan Fhraing le cuideachadh bho Fhionnaghal NicDhòmhnaill. Chaith e an còrr dhe bheatha na fhògarrach anns an Ròimh, agus bha nighean dhìolain aige air an robh Teàrlag, mus do phòs e Louise Maximilienne Caroline ann an 1772. Bhàsaich e san Ròimh ann an 1788.<br /> <br /> 'S e leth-bhreac de dheilbh bhig a bha aig Dòmhnall Camshron Loch Iall a tha san dealbh seo. Tha an ìomhaigh cuideachd a' sealltainn duilleag aghaidh an leabhair 'A History of the Scottish Highlands, Highland Clans and Highland Regiments' leabhar 1, le Iain S. Keltie