Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh o shùil an eòin de'n Chuiltheann
EXTERNAL ID
QZP40_180_P019
ÀITE
Beanntan a' Chuilthinn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
1854
LINN
1850an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31003
KEYWORDS
beanntan
dealbhan sgrìobhte
sgeidsean
mapaichean
zoomable

Dealbh sgrìobhte de shealladh fharsaing Beanntan a' Chuilthinn, sreath bheanntan an taobh deas an Eilein Sgiathanaich. Thathar a' smaoineachadh gu bheil iad air ainmeachadh an dèidh CuChulainn, an t-sealgair Eireannach uirsgeulach a thàinig dhan Eilean Sgiathanach à Eirinn ann an dà shìnteig coise. Tha dà chuid 'sa Chuiltheann - an Cuiltheann Dubh agus an Cuiltheann Dearg dhan ear a tha nas ìsle.
Tha aon Rothach deug (beanntan thar 3,000 troigh ann an Alba) agus naoi mullaichean Rothach (mullach beinne a tha nas àirde na 3,000 troigh ach nach eil air a mheas mar bheinn air leth) ann an sreath a' Chuilthinn. 'S e Sgurr Alasdair a' bheinn as àirde, aig 3,255 troigh.

Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Guide to the Island of Skye' le Adhamh is Teàrlach MacilleDhuibh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh o shùil an eòin de'n Chuiltheann

INBHIR NIS: An Srath

1850an

beanntan; dealbhan sgrìobhte; sgeidsean; mapaichean; zoomable

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (maps)

Dealbh sgrìobhte de shealladh fharsaing Beanntan a' Chuilthinn, sreath bheanntan an taobh deas an Eilein Sgiathanaich. Thathar a' smaoineachadh gu bheil iad air ainmeachadh an dèidh CuChulainn, an t-sealgair Eireannach uirsgeulach a thàinig dhan Eilean Sgiathanach à Eirinn ann an dà shìnteig coise. Tha dà chuid 'sa Chuiltheann - an Cuiltheann Dubh agus an Cuiltheann Dearg dhan ear a tha nas ìsle.<br /> Tha aon Rothach deug (beanntan thar 3,000 troigh ann an Alba) agus naoi mullaichean Rothach (mullach beinne a tha nas àirde na 3,000 troigh ach nach eil air a mheas mar bheinn air leth) ann an sreath a' Chuilthinn. 'S e Sgurr Alasdair a' bheinn as àirde, aig 3,255 troigh.<br /> <br /> Chaidh an dealbh seo a thoirt o 'Guide to the Island of Skye' le Adhamh is Teàrlach MacilleDhuibh