Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois
EXTERNAL ID
QZP40_200_P001
DEIT
1720
LINN
1720an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31007
KEYWORDS
cùmhnantaich
blàir
Cùmhnant Nàiseanta
uaisleachd
dìoghaltas
bàs
Wishart
James Graham, Marquis of Montrose

Air sgàth oidhirp Theàrlaich I air eaglais stèidhichte Shasainn is Leabhar nan Ùrnaighean Cumanta a stèidheachadh ann an Alba, chaidh an Cùmhnant Nàiseanta a dhealbhadh, a' dìon còirichean Alba ann an cùisean eaglais is stàite. B' e Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois, fear de na ceathrar fhear a sgrìobh an Cùmhnant ann an Eaglais nam Manach Liath, Dùn Eideann, ann an 1638 airson Clèireachd a dhìon.

Mar a bha an Cùmhnant a' faighinn taic, bha e a' dèanamh dragh dhan Ghreumach cho daingeann 's a bha cuid de na Cùmhnantaich, is thug e taic dhan Rìgh an aghaidh Arm nan Cùmhnantach. Bha fìor eòlas-cogaidh aige, is bhuannaich e sia blàir an dèidh a chèile mus do chaill e aig Philiphaugh ann an 1645 is theich e a Nirribhidh.

Thill Greumach airson dìoghaltas a dhèanamh seach gun deach Teàrlach I a chur gu bàs agus airson taic a thoirt do Theàrlach II, ach bhrath Mac Leòid à Asainte e an dèidh Blàr Charbasdail is chaidh a chur gu bàs. Chaidh a chrochadh is ceathramhan a dhèanamh dheth is chaidh a cheann a chur air spìc anns a' Mhìle Rìoghail ann an Dùn Eideann. Aon bhliadhna deug an dèidh sin, fhuair e Tiodhlacadh Stàite o Theàrlach II is chaidh adhlacadh ann an Eaglais an Naoimh Giles ann an Dùn Eideann.

Chaidh an dealbh seo a toirt o 'A Complete History of the Wars in Scotland; under the Conduct of the Illustrious James Marquis of Montrose', o Laideann Dhotair Seòras Wishart, Easbaig Dhùn Eideann. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1720. Chan eil fios cò a dh'fhoillsich e no càit an deach fhoillseachadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seumas Greumach, Marcais Mhonadh Rois

1720an

cùmhnantaich; blàir; Cùmhnant Nàiseanta; uaisleachd; dìoghaltas; bàs; Wishart

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)