Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart
EXTERNAL ID
QZP40_201C_P001
DEIT
1746
LINN
1740an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31008
KEYWORDS
Am Prionnsa Teàrlach
Teàrlach Eideart Stiubhart
Cùil Lodair
Na Seumasaich
Crùn na h-Alba
Floraidh NicDhòmhnaill
an Eideadh Gàidhealach
Prince Charles Edward Stuart

B' e am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart (1720-1788) a' chiad mhac aig Seumas Frangan Eideard Stiùbhart, an 'Sean Tagraiche'. Rugadh Teàrlach anns an Ròimh, na ogha do Sheumas VII agus II Bhreatainn a bha air an crùn a chall aig àm an 'Aramach Glòrmhor' ann an 1688. Bha Teàrlach Eideard den bheachd gur e athair oighre dligheach crùn Bhreatainn.

An dèidh aramach Seumasach gun bhuaidh aig athair ann an 1715, b' e Am Prionnsa Teàrlach a bha an ceann an aramach Seumasach an 1745 nuair a dh'fheuch e ris a' chrùn fhaighinn air ais do na rìghrean Stiùbhartach. Chaidh gu math dhaibh an toiseach agus ràinig na Seumasaich Dàrbaidh ann an Sasainn mus do tharraing iad air ais do Ghaidhealtachd na h-Alba. Choinnich feachd nan Seumasach agus feachd an riaghaltais air Monadh Chùil Lodair anns a' Ghiblean, 1746. Seo am blàr mu dheireadh ann am Breatainn de shabaid làimh ri làimh; cha do sheas e fiù 's uair a thìde, agus leis an sin chaidh crìoch a chur air aramach nan Seumasach.

An dèidh call Chùil Lodair bha iomadh duine a' lorg a' Phrionnsa air feadh Bhreatainn, ach fhuair e air teicheadh dhan Fhraing le cuideachadh bho Fhlòraidh NicDhòmhnaill. Chuir e seachad an còrr dhe bheatha na fhògarrach anns an Ròimh agus bha nighean dhìolain aige, Charlotte, mus do phòs e Louise Maximillienne Caroline ann an 1772. Bhàsaich e anns an Ròimh ann an 1788.

Chaidh an dealbh seo a thoirt à 'Ascanius: or the Young Adventurer: a True History', leabhran beag a chaidh a sgaoileadh 's a leughadh ann an Cùirt Versailles

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart

1740an

Am Prionnsa Teàrlach; Teàrlach Eideart Stiubhart; Cùil Lodair; Na Seumasaich; Crùn na h-Alba; Floraidh NicDhòmhnaill; an Eideadh Gàidhealach

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)