Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bealach Choille Chnagaidh is na còig 'Beinn a' Ghlò'
EXTERNAL ID
QZP40_205_P001
ÀITE
Bealach Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
1866
LINN
1680an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31010
KEYWORDS
Coille Chnagaidh
blàir
batailean
Seanalair Ùisdean MacAoidh
Biocas Dhùn Deagh
Ruathar nan Gàidheal
raidhfilean
claidhmhnean mòra
bealaichean
ionnsaighean
Seumasaich
airm
feachdan
saighdearan
The Pass of Killicrankie and the five Benagloes (Beinn a' Ghlo)

'S ann aig Bealach Coille Chnagaidh a bha Blàr Coille Chnagaidh air an 27mh Iuchair 1689. Bha am blàr eadar an t-arm Seumasach aig Biocas Dhùn Deagh is an t-arm Uilleamach aig Seanalair Ùisdean MacAoidh.

Shuidhich arm Dhùn Dèagh iad fhèin air druim os cionn an t-slighe a-steach dhan bhealach, fhad 's a dh'fhuirich MacAoidh gu h-ìosal, agus leisg air ionnsaigh a dhèanamh suas an lèathad. Dh'fhuirich Dùn Deagh cha mhòr fad an là. Tha feadhainn ag ràdh gun d'rinn e seo air sgàth gum biodh a' ghrian ann an sùilean an nàmhaid nuair a bha i a' dol fodha, no gum faigheadh e làmh an uachdar ann an droch sholas.

Aig comharradh sònraichte, ruith na Seumasaich sìos an leathad, a' losgadh an aon pheilear a bh'aca, a' tilgeil am piostalan air falbh is a' toirt ionnsaigh air saighdearan MhicAoidh le claidheamhan. Theich saighdearan MhicAoidh, is chaidh na Seumasaich as an dèidh. Chaidh peilear a chur ann an Dùn Dèagh fhad 's a bha e a' toirt ionnsaigh, is chaidh a leòn gu bàs. Dh'fhàg seo a shaighdearan mì-rianail, gun cheannard.

Chithear an dealbh seo ann an 'Concise Historical Proofs respecting the Gael of Alban' le Seumas A MacDhonnchaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bealach Choille Chnagaidh is na còig 'Beinn a' Ghlò'

PEAIRT: Blàr Athall

1680an

Coille Chnagaidh; blàir; batailean; Seanalair Ùisdean MacAoidh; Biocas Dhùn Deagh; Ruathar nan Gàidheal; raidhfilean; claidhmhnean mòra; bealaichean; ionnsaighean; Seumasaich; airm; feachdan; saighdearan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)