Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dùn Chailleann
EXTERNAL ID
QZP40_205_P009
ÀITE
Dùn Chailleann
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh
DEIT
1866
LINN
1800an
CRUTHADAIR
W & A K Johnston
NEACH-FIOSRACHAIDH
Leabharlainn na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
31011
KEYWORDS
Dùn Chailleann
àrd-eaglaisean
togalaichean
bailtean
bailtean-margaidh
Calum Cille
Eaglais Cheilteach
Ath-leasachadh
blàir
Blàr Coille Chnagaidh
Seumasaich
drochaidean
Tòmas Telford
Dunkeld

Tha Dùn Chailleann mu 15 mìle tuath air Peairt, air Abhainn Tatha. Tha eachdraidh chlàraichte a' bhaile a' dol air ais gu 730AD, is buidheann de Mhanaich Cèile-dèagh. Chaidh seo ath-thogail le Coinneach MacAilpein ann an 848, is dà bhliadhna an dèidh sin chaidh cuimhneachain Chalum Cille a thoirt à Eilean Ì gu Dùn Chailleann gus am biodh iad sàbhailt o na creachadairean Lochlannach.

Chaidh Àrd-eaglais Dùn Chailleann a thogail ann an 1325, ach chaidh a leagail anns an Ath-leasachadh. Chaidh pàirt dhith ath-thogail is a chleachdadh mar eaglais pharraist.

Ann an 1689, an dèidh Blàr Choille Chnagaidh, thàrr na bh'air fhàgail de dh'arm an riaghaltais air ais gu Dùn Chailleann, far an do choinnich iad saighdearan eile o Rèisimeid nan Camshronach as An Dùn. Thug 4,000 Seumasaich ionnsaigh orra anns an Lùnastal 1689. Mhair am blàr fad 16 uair a thìde, mus do tharraing na Seumasaich air falbh. Cha robh ach trì taighean air fhàgail gun sgrios.

Chaidh Dùn Chailleann ath-thogail na bhaile-margaidh is na ionad malairteach far an robh rathaidean na dròbha a' tighinn gu chèile.

Ann an 1809 chaidh Dùn Chailleann a cheangal ri Biorman le drochaid thar an Abhainn Tatha a dhealbh Tòmas Telford.

Chithear an dealbh seo ann an 'Concise Historical Proofs respecting the Gael of Alban' le Seumas A MacDhonnchaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dùn Chailleann

PEAIRT: Dùn Chailleann 's Dubhailigh

1800an

Dùn Chailleann; àrd-eaglaisean; togalaichean; bailtean; bailtean-margaidh; Calum Cille; Eaglais Cheilteach; Ath-leasachadh; blàir; Blàr Coille Chnagaidh; Seumasaich; drochaidean; Tòmas Telford

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)