- TIOTAL
- Biodag a chaidh a lorg ann an Cleidh, faisg air an Òban, Earra Ghàidheal 's Bòid
- EXTERNAL ID
- QZP40_222_P248
- ÀITE
- Cleidh
- SGÌRE
- Ceann a Deas Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: A' Chille Mhòr 'a Cille Bhrìghde
- DEIT
- 1879
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31033
- KEYWORDS
- Loch Eite
Clann Uisneach
biodagan
cisteachan
càirn: càirn sheòmarach
Loch nan Eala
Loch Feòchan
Cleidh
tìodhlaigeadh losgaidh
clach-spor
RCAHMS

Chaidh a' bhiodag umha seo a lorg ann an ciste ann an Cleidhe, deas air an Òban ann an Earra-ghàidheal 's Bòid. Chaidh a' chiste a lorg am broinn fear de na càirn a b'fheàrr a mhair sa ghleann a tha eadar ceann an iar-dheas Loch nan Eala agus ceann Loch Feòchan. Chladhaich R A Mac a' Ghobhainn e an toiseach anns na 1870an agus rinn an RCAHMS a-rithist e ann an 1967. Lorgadh a' bhiodag agus luath dhuine anns a 'chiad chladhach. Chaidh tìodhlaigeadh luaith eile a lorg ann an 1967 còmhla ri pìosan chlach-spor. Tha a' bhiodag agus a' chlach-spor a-nis ann an Taigh-tasgaidh na h-Alba.
Thàinig an dealbh à 'Loch Etive and The Sons of Uisnach', a dh'fhoillsich MacMhaoilein & Co,1879