- TIOTAL
- Albannaich cudthromach
- EXTERNAL ID
- QZP40_223_P001
- DEIT
- 1893
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Leabharlainn na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 31039
- KEYWORDS
- Albannaich ainmeil
muinntir Hanòbhair
blàir
Loch Iall
Seumasaich
Cùmhnantaich

Bha pàirt cudthromach aig gach duine san dealbh seo ann an eachdraidh na h-Alba.
Bha Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart os cionn an aramach Seumasach ann an 1745, a thàinig gu crìch nuair a chailleadh Blàr Chùil Lodair.
Chuidich Flòraidh NicDhòmhnaill am Prionnsa Teàrlach faighinn air falbh an dèidh Chùil Lodair nuair a chuir i aodach bhan-òglach air is dh'iomair i e às Uibhist a Deas dhan Eilean Sgìiheanach ann an eathar.
B' e Uilleam Augustus Hanobhair, Diùc Chumberland, an dara mac aig Seòras II, is bha e an ceann arm an Rìgh an-aghaidh nan Seumasaich ann an Aramach 1745. Fhuair e an t-ainm 'Buidsear Cumberland' air sgàth nan gnìomhairean olc a rinn e an dèidh Blàr Chùil Lodair.
B' e neach-taic dìleas do Sheumas II a bh'ann an Iain Greumach à Claverhouse, Biocas Dhùn Dèagh, is stiùir e an t-arm Seumasach an dèidh an 'Aramach Ghlòrmhor' ann an 1688 nuair chaill Seumas a rìgh-chathair. Dhealbhaich Claverhouse a' bhuaidh Sheumasach an aghaidh an airm Uilleamach aig Seanalair Ùisdean MacAoidh, ach chaidh a leòn is bhàsaich e anns an ionnsaigh.
B' e seanair Dhòmhnaill Camshron, an Loch Iall 'Sèimh' ann an Aramach '45, a bh'ann an Sir Eòghann Camshron à Loch Iall. Bha Sir Eòghann air sabaid a dhèanamh do na Seumasaich còmhla ri Montròis is Dùn Dèagh.
'S e Seumas Greumach, Marcais Mhontròis, fear de na ceathrar fir a dhealbhaich an Cùmhnant Nàiseanta. Dh'fhàs e teagmhach aig cho anabarrach 's a bha cuid de na Cùmhnantaich is fiù 's rinn e sabaid agus cosnadh an iomadh batail air taobh nan Dìlseach, mus do theich e chun na Roinn Eòrpa. Thill e gus bàs Theàrlaich I a dhìoghladh, ach chaidh a ghlacadh agus a chur gu bàs.
Rugadh Donnchadh Foirbeis à Cùil Lodair ann an 1685. B' e Ard-mhorair Cùirt an t-Seisein. Bha e gu dubh an aghaidh nan Seumasach, is cha d'thug feadhainn de na cinn-cinnidh Ghàidhealach a bu chumhachdaich taic don aramach ann an 1745 air a sgàth-san. Thug e an t-uamhas airgid seachad gus feachdan Hanobhair a chuideachadh.
Chithear an dealbh seo ann an 'The Highlands and Highlanders of Scotland' le Seumas Cromb