Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
View of the Pass of Killiecrankie

'S ann aig Bealach Choille Chnagaidh a bha Blàr Choille Chnagaidh air an 27mh Iuchair 1689. Bha am blàr eadar an t-arm Seumasach aig Biocas Dhùn Dèagh is an t-arm Uilleamach aig Seanalair Ùisdean MacAoidh.

Shuidhich arm Dhùn Dèagh iad fhèin air druim os cionn an t-slighe a-steach dhan bhealach, fhad 's a dh'fhuirich MacAoidh gu h-ìosal, agus leisg air ionnsaigh a dhèanamh suas an lèathad. Dh'fhuirich Dùn Dèagh cha mhòr fad an là. Tha feadhainn ag ràdh gun d'rinn e seo air sgàth gum biodh a' ghrian ann an sùilean an nàmhaid nuair a bha i a' dol fodha, no gum faigheadh e làmh an uachdar ann an droch sholas.

Aig comharradh sònraichte, ruith na Seumasaich sìos an leathad, a' losgadh an aon pheilear a bh'aca, a' tilgeil am piostalan air falbh is a' toirt ionnsaigh air saighdearan MhicAoidh le claidheamhan. Theich saighdearan MhicAoidh, is chaidh na Seumasaich as an dèidh. Chaidh peilear a chur ann an Dùn Dèagh fhad 's a bha e a' toirt ionnsaigh, is chaidh a leòn gu bàs. Dh'fhàg seo a shaighdearan mì-rianail, gun cheannard.

Chithear an dealbh seo ann an 'Concise Historical Proofs respecting the Gael of Alban' le Seumas A MacDhonnchaidh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh air Bealach Choille Chnagaidh

PEAIRT: Blàr Athall

Coille Chnagaidh; blàir; Seanalair Ùisdean MacAoidh; Biocas Dhùn Deagh; Ruathar nan Gàidheal; raidhfilean; claidhmhnean mòra; bealaichean; ionnsaighean; Seumasaich; airm; feachdan; saighdearan

Leabharlainn na Gàidhealtachd

Fraser Mackintosh Collection (illustrations)